Druiminn
O Uicipeid
'S e baile ann an Siorrachd Sruighlea a tha ann an Druiminn (Beurla: Drymen). [1] Tha am baile gu lèir suidhichte ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 3′ 53.86″ Tuath agus 4° 27′ 3.85″ Iar.
Anns a' bhliadhna 2004 bha 760 duine a' fuireach an seo. [2]
Tha an West Highland Way, frith-rathad astair eadar Glaschu agus an Gearasdan, a' dol tron bhaile.
Tha an taigh-seinnse “The Clachan” ag ràdh gur esan an taigh-seinnse as sine ann an Alba. Tha ceanglaichean aige ri teaghlach Rob Ruaidh.
Tùsan [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 41, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Mid-2004 Population Estimates for Settlements in Scotland
Ceanglaichean a-muigh [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 474 885