Donaidh Rothach

O Uicipeid
Donaidh Rothach
Rector of the University of Edinburgh (en) Translate

Beatha
Breith Ùige, 2 dhen Lùnastal 1953
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Robert Gordon
Gray's School of Art (en) Translate
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd seinneadair agus neach-poileataigs
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Gnè ealain folk rock (en) Translate
Inneal-ciùil giotàr acousticeach
guth
Taigh-clàraidh Greentrax Recordings
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach
IMDb nm1069903
donniemunro.co.uk

Tha Donnie Rothach ’na sheinneadair a b’ àbhaist a bhith seinn còmhla ri Runrig. Rugadh e ann an Ùige, anns an Eilean Sgitheanach air an dàrna latha den Lùnastal 1953. Thogadh e lena phàrantan ann am Port Rìgh, ach chuir e seachad ùine cuideachd air croit a sheanar ’s sheanmhar ann an Ùige. Bha e a’ seinn bho aois gu math òg, agus ’s ann ann an Àrd Sgoil Phort Rìgh a thachair e ri Calum agus Ruairidh Dòmhnallach, a bha air còmhlan ùr a stèidheachadh – Runrig – agus, mar a chanas iad, ’s e eachdraidh a th’ ann an còrr. (Faic, mar eisimpleir, Going Home – the Runrig Story, le Tom Morton.) Dh’fhàg Donaidh Runrig ann an 1997 gus seasamh airson a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an taghadh coitcheann Westminster, ach chaill e do Teàrlach Ceanadach bho na LibDems. Bha e na Reactar Oilthigh Dhùn Èideann eadar 1991 is 1994.[1] Tha e ’na stiùiriche leasachaidh agus nan ealan aig Sabhal Mòr Ostaig.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Oilthigh Dhùn Èideann: The Rector (Beurla)