Deasbaireachd a' chleachdaiche:Thrissel

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Halò Thrissel, fàilte an seo. Chunnaic mi an ceist agad mu Coille Chneagaidh is Coille Chnagaidh air an duilleag deasbaireachd Chreachadair. Uill, ghluais mi iad ri chèile, chan eil an neach cleachdair an seo gu math tric. Tha an aiste a-nis fo "Coille Chneagaidh". Le deagh dhùrachdan --Sionnach 13:06, 27 an Dùbhlachd 2009 (UTC)

Halò a Shionnaich agus mòran taing dhut air a shon! --Thrissel 20:20, 27 an Dùbhlachd 2009 (UTC)

Josef Škvorecký[deasaich an tùs]

Meal do naidheachd, tha an t-alt a sgrìobh thu air Josef Škvorecký air an duilleag mhòr a-nis! Akerbeltz 14:48, 6 dhen Ghearrain 2012 (UTC)

Wow, mòran taing a charaid! Agus chì mi nach do rinn mi cho mòran mhearachdan 's a bhithinn an dùil a bharrachd... :-)
Ge-tà, mu dheidhinn Teiceach an aghaidh Seiceach (oir tha a' cheist seo nam eanchainn airson nam bliadhnaichean) - tha fhios agam gur ann nas àbhaistiche an cruth le "S" ach a bheil adhbhar fuaimneachaidh airson sin? Dha mo chluasan 's ann an /tʃ/ ann an Čech, Czech, Tscheche, Tchèque amsaa gu math nas fhaisge air /tʲ/ aig na faidhlean-fuaime AFB na air /ʃ/ - no as fhearr le daoine "S" oir tha /tʲ/ mar an seo [1] eadhon nas fhaide? (Eadar dà sgeul, an e am blas ainmeil Leòdhasach a th' ann?) --Thrissel 15:59, 6 dhen Ghearrain 2012 (UTC)
'S e do bheatha :)
Tha /ʃ/ an àite /tʃ/ is /dʒ/ na Beurla dìreach nas cumanta, gu tradaiseanta, cf seòclaid, seacaid (jacket), seud (jade), seannsair (chanter), seithear (chair) etc. Ged a tha /tʃ/ nas fhaisge air /tʲ/ ann an inntinn fuaim-eòlaichean, saoilidh mi gu bheil e nas fhaisge air /ʃ/ ann an inntinn nan daoine aig a bheil i on ghlùn. Deletion, seach gluasad place of articulation? 'S mathaid gu bheil beagan backformation a' dol cuideachd. Akerbeltz 17:57, 6 dhen Ghearrain 2012 (UTC)
A-ha. Cha do mhothaich mi sin roimhe, ach tha e ceart, cha do lorg mi facal eile le t- airson ch- ach a-mhàin teansa (agus gu èibhinn teòclaid san fhaclair aig Mark). Backformation - b' e sin pàirt dhen trioblaid agam: "nuair a tha /tʲ/ san t-Seic co-dhiù, carson nach b' urrainn dha a bhith sa h-uile chruth?" Uill, cnuasaichidh mi am faod mi T- a chleachdadh mar fhear aig a tha am facal tùsail on ghlùn :-) - no an e S- olc nas lugha na "/tʲ/ BhBC" aig a’ cheann thall... --Thrissel 19:04, 6 dhen Ghearrain 2012 (UTC)