Deasbaireachd:Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Saoilidh mi gu bheil seo deireadh air thoiseach, "Glasgow (Prestwick Airport)" agus leis a sin, Port-adhair Phreastabhaig Ghlaschu ged a b' fhearr leam Port-adhairt Phreastabhaig is Ghlaschu" no sgaradair eile eatarra. Akerbeltz (talk) 11:36, 17 dhen t-Samhain 2012 (UTC)[reply]

Fìrinn innse, bha ùidh agam anns an tàthan, ach on a bha mi a' gluasad na duilleige co-dhiù, choimhead mi air Google agus bha "Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig" a' coimhead beagan nas cumanta na "Port-adhair Phreastabhaig [rud sam bith]". Air dhomh sin a ràdh, choimhead mi a-rithist ann an-dràsta agus chan eil fear dhe na duilleagan airson "Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig" ro ùghdarrasail, agus ged a tha Google a' sealltainn www.glasgowprestwick.com/ nam measg, cha do lorg mi an t-ainm air an duilleig sin fhèin. Mar sin, tha mi coma ma bhios e "Ghlaschu Phreastabhaig", "Phreastabhaig Ghlaschu" no "Phreastabhaig is Ghlaschu" - chan eil "Glasgow Prestwick Airport" fìor dheagh Bheurla a bharrachd. --Thrissel (talk) 00:13, 18 dhen t-Samhain 2012 (UTC)[reply]
Hm. Camagan, 's dòcha? Port-adhair Phreastabhaig (Glaschu)? Tha thu ceart a thaobh na Beurla. Akerbeltz (talk) 14:11, 18 dhen t-Samhain 2012 (UTC)[reply]
On a tha e na laighe fada nas fhaisge air Preastabhaig na air Glaschu cha bhithinn an aghaidh sin, ged a tha amharas orm gun tòisich iad ainm Ghàidhlig a' cleachdadh aon latha, gum bi sin ainm eadar-dhealaichte agus gum bi againn ris an duilleag a ghluasad a-rithist :-/. --Thrissel (talk) 17:23, 18 dhen t-Samhain 2012 (UTC)[reply]