Deasbaireachd:Co-chomharran an Domhain

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Tha an aiste seo a' dèiligeadh ri co-chomharran an t-saoghail. Nach gabh a gluasad ri duilleig fo thiotal nas àraide (mar a tha aig na ceanglaichean eadar-wiki) gus an duilleag "cho-chomharran" fhàgail airson aiste mu cho-chomharran anns an seagh nas coitchinne? Am Fiosaigear 12:33, 15 September 2007 (UTC)

Deagh cheist! Rinn mi an aiste bheag seo airson an Template:Baile leudachadh. Nan ghluaisinn an aiste ri duilleag eile, bhiodh an ceangal ris an template briste. 'S urrainn dhomh an Template atharrachadh, ach an uair sin feumaidh mi a h-uile aiste a tha ceangailte ris an template atharrachadh cuideachd.
Air an làimh eile bu toil leam ma bhios a h-uile rud ceart. Duilich, uaireannan chan eil mi idir cinnteach mu na faclan Gàidhlig ceart, gu h-àraid anns an roinn matamataig. Is dòcha gum b' urrainn dhuibh cuideachadh a thoirt dhomh? Dè an tiotal as fheàrr leibh?--Sionnach | deasbair 14:47, 15 September 2007 (UTC)
'S e co-chomharran a' Ghàidhlig air coordinates ann am Matamataig cuideachd. Sin a-rèir an fhaclair Matamataig foillsichte le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.--Steaphan30 15:14, 15 September 2007 (UTC)
Mise a-rithist. Thuirt mi rud-eigin ceàrr. 'S urrainn dhomh an Template:Baile atharrachdadh gun trioblaid sam bith gun a bhith ag atharrachadh na h-aistean ceangailte. Dh' fheuch mi e anns an àite-cluich agamsa, agus dh' obraich e. --Sionnach | deasbair 16:07, 15 September 2007 (UTC)
Bha fhios 'am gun tionndadh sibh seo orm! Chan eil mi idir cinnteach dè am briathar ceart air geographic coordinates. Mar a thuirt Steaphan30 os cionn, chan eil deasbad air co-chomharran mar Ghàidhlig air co-ordinates ach ged 's e cruinn-eòlasach am buadhair bho chruinn-eòlas, chan eil seagh (nam bheachd-sa co-dhiù) air "Co-chomharran Cruinn-eòlasach". B' fheàrr leam fhìn "Co-chomharran an t-Saoghail" no "Co-chomharran na Cruinne" no rudeigin den t-seòrsa. B' e sin mo bhòt. Is math leam nach cuir seo cus dragh oirbh 's an template atharrachadh. Am Fiosaigear 22:57, 15 September 2007 (UTC)
Na gabhaibh dragh! Le deasbaid mar seo bidh Wikipedia na Gàidhlig a' fàs nas fheàrr agus nas fhèarr! Agus is toil leam fhèin e ma bhios sinn ag obair ri chèile. A-nise: dè an t-ainm a thaghas sinn: "Co-chomharran an t-Saoghail" neo "Co-chomharran na Cruinne"? Atharrachaidh mi an Template an uair sin.--Sionnach 06:06, 16 September 2007 (UTC)
Chionns gur e domhan-fhad agus domhan-leud a th' anns na co-chomharran seo, 's docha gu bheil Co-chomharran an Domhain as iomchaidh. Dè ur beachd? Am Fiosaigear 12:02, 16 September 2007 (UTC)
Tha sin taghta, ach dè thachras nuair a sgaoileas an cinne-daonna air feadh fhànais an ceann 200 bliadhna? Nach e domhan a thathas a' cleachdadh airson "The Universe"? Bhiodh sin a' ciallachadh "Co-ordinates of the Universe" an uairsin! An e The World no The Universe air a bheil sibh a-mach? Mas e "The World", mholainn-se Co-chomharran an t-Saoghail no na Cruinne.

A-rèir SMO agus C.Mark tha domhan a' ciallachadh globe, universe agus world(seann fhasanta) aig an aon àm. Agus choimhead mi air an duilleag Geographic coordinate system anns a' Wikipedia gearmailteach, tha pios beag mu eachdraidh nan co-chomharran ann. Sgrìobh iad gun do chleachdar a' ghrian neo na reultan airson fiosrachaidh mun domhan-fhad fhaighinn, far a bheilear. (m.e. seòladairean). Mar sin dheth mholainn-se Co-chomharran an Domhain. Dè ur bheachd?--Sionnach 18:40, 16 September 2007 (UTC)

O chionn's nach cuala mi guth an aghaidh sin, ghluais mi an aiste gu Co-chomharran an Domhain agus dh' atharraich mi an Template:Baile.
Am Fiosaigear, sgrìobh mi dìreach loidhne neo dà air an duilleag co-chomharran airson an duilleig shàbhaladh. Am b' urrainn dhuibh sùil a thoirt air an duilleag seo, tha mi an dòchas nach do rinn mi sgrios air a-rithist.--Sionnach 16:04, 19 September 2007 (UTC)
Tha mi duillich nach do fhreagairt mi roimhe, ach tha mi thall thairis an dràsda (nam laighe fo ghrèin)! Tha mi tuigsinn na tha Steaphan30 ag ràdh os cionn. Chan eil e lèirsinn (dhomhsa co-dhiu) an e an saoghal a th' anns an domhan no an cruinne-cè san fharsaingeachd. Mhol mi "Co-chomharran an Domhain" chionns gu bheil "domhan-" ann an domhan-fhad 's domhan-leud. Is iadsan na briathran a th' againne air longitude agus latitude - 's docha nach bi iadsan freagarrach an ceann 200 bliadhna. Cha chrèid mi fhìn gu bheil e cudromach. 'S ann dà-sheaghach a tha e anns a' Bheurla cuideachd – m.e. "universal time".Am Fiosaigear 16:23, 25 September 2007 (UTC)