David Crystal

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
David Crystal

'S e cànanaiche a th' ann an David Crystal. Rugadh e ann an Èirinn a Tuath air 6 an t-Iuchar 1941 agus thogadh e sa Chuimrigh agus ann an Sasainn.

Rinn e ceum ann am Beurla aig Colaiste Oilthigh Lunnain eadar 1952 agus 1962 agus às dèidh sin bha e a' rannsachadh air Cleachdadh na Beurla. Bhon sin bha e a' teagasg cànanachais aig Oilthigh Bhangor. Tha e a' gabhail ùidh ann an ionnsachadh agus teagasg cànain, bàs cànan agus cleas-chànanas, stoidhle Beurla, Shakespeare agus cuspairean eile. Tha e na neach-taic aig Comann Eadar-nàiseanta nan Tidsearan Beurla mar dàrna Chànan (International Association of Teachers of English as a Foreign Language).

Obair[deasaich | edit source]

Sgrìobh David Crystal còrr is 100 leabhar (mòran còmhla ri daoine eile) air mòran diofar chuspairean. 'S e aon de na h-obraichean as ainmeile Cambridge Encyclopedia of Language (1987) agus Cambridge Encyclopedia of the English Language (1995), agus 's e deasaiche an Cambridge Biographical Dictionary, Cambridge Factfinder, Cambridge Encyclopedia, agus an New Penguin Encyclopedia (2003). A bharrachd air sin sgrìobh e tòrr aistean.

Tha an leabhar as ùire aige mu dheidhinn cànan nan teacsaichean fòn-làimhe: Txtng: The Gr8 Db8

Leabhraichean[deasaich | edit source]

  • Language Death (2002) ISBN 0-521-01271-6
  • How Language Works (2007) ISBN 1-58567-848-1
  • The Cambridge Encyclopedia of Language (1997) ISBN 0-521-42443-7
  • Txtng: The Gr8 Db8 (2008) ISBN 0-19-954490-5
  • Think On My Words: Exploring Shakespeare's Language (2008)
  • The Fight for English: How Language Pundits Ate, Shot, and Left (2008)
  • The Stories of English (2005)
  • Discover Grammar (1996)
  • Language and the Internet (2001)
  • The English Language: A Guided Tour of the Language (2004)
  • Words, Words, Words (2007)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]