Dail M'Fhaolain

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dalmellington)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Dail M'Fhaolain

'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir an Ear a tha ann an Dail M'Fhaolain neo Dail Meallan[1] (Beurla:Dalmellington). Tha am baile suidhichte air àird an iar-dheas Inbhir Àir air a' mhòr-rathaid A713. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 19′ 0″ Tuath agus 4° 23′ 0″ Iar.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,407 duine a' fuireach ann an Dail M'Fhaolain is Burnton .[2]

Tha eachdraidh a' bhaile inntinneach air sgàths gum b' e teis-meadhan bhreabadaireachd is mhèinneireachd a bha ann an Dail M'Fhaolain. Tha Loch Dhùin faisg air a' bhaile.

Ainm a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir Iain Mhic an Tailleir tàinig an t-ainm "Dalmellington" bhon ainm Beurla "Meling’s farm" [3] ach tha feadhain eile ag ràdh gun tàinig e bhon ainm Gàidhlig "Dael Meallain Tuinn" a tha a' ciallachadh "the fort of assembly of the moat-surrounded mound".[4] A-rèir Sabhal Mòr Ostaig 's e "Dail M'Fhaolain" an t-ainm Gàidhlig a th' air Dalmellington[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alba le Roy Pedersen
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 37, Pàrlamaid na h-Alba
  4. www.Dalmellington
  5. Stòr-dàta SMO

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]