Daibhidh MacDhùnleibh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Daibhidh MacDhùnleibh

'S e aon de na rannsaichearan as ainmeile mu Afraga a bha ann an Daibhidh MacDhùnleibh (Beurla:David Livingstone). Rugadh e faisg air Baile an t-Saoir 19 am Màrt 1813 agus chaochail e 1 an Cèitean 1873 faisg air Lake Bangweulu ann an Saimbia.

Òigridh agus Foghlam[deasaich | edit source]

Ri taobh na h-aibhne, a ruitheas eadar Bail’ an t-saoir agus Bothwell ann an Siorrachd Lannraig, lorgar togalach a chaidh a thogail anns an 18mh Linn, a’ tabhainn do mhuinntir an àite ionad far am faigheadh obair, rugadh Daibhidh Mac Dhùnlèibh, an darna mhac ann an teaghlach Nèill Mhic Dhùnlèibh, a bha pòsta aig Agnes Hunter. Ged nach b’e ach baile beag a bha ann am Bail’ an t-saoir, dh’fhàs e thairis air ceud bliadhna gu bhith na bhaile meinnearachd agus a’ crochadh air luchd-obrach a thigeadh à Èirinn agus sgìrean air a’ Ghàidhealtachd mar an ceudna. Aig an àm a rugadh Daibhidh, cha robh ach 2,000 duine a’ fuireach agus a’ tighinn beò sa bhaile, agus mar thoradh air sin, ’s urrainn dhuinn dealbh fhaighinn nar n-inntinn mar sgìre dhùthchail, iomallach, bheag, aodhaireil. Bheireadh an tìr buaidh nach bu bheag air inntinn òg Dhaibhidh; bhiodh e feumail agus cuideachail dha na dhreuchd a thagh e na b’ an-moiche na bheatha.

An cois Gort a’ Bhuntàta anns na 1790an air Ulbha, far costa Mhuile ann an Earra-Ghàidheal, thèich cha mhòr gach duine bhon eilean, a’ sìreadh beatha nach robh cho gàbhaidh. Thuinich a’ chuid a bu mhotha dhiubh ann an Canada agus Ameireaga-a-Tuath, ach dh’fhàg Niall, seanair Dhaibhidh, Ulbha airson tìr nach robh idir cho coimheach; bhathar eòlach air cliù na Galldachd aig an àm airson tabhainn do theaghlaichean ann an èiginn fastadh teàrainte, agus far nach coinneachadh iad ri gort a leithid ris an tàinig iad trast air a’ Ghàidhealtachd. Mar thoradh air sgìlean agus urram a bha aig Niall (bha comas leughaidh aige anns a’ Bheurla agus comas labhairt anns a’ Ghàidhlig mar aon. Thigeadh seo gu bhith cho feumail fhad sa dhòirt tòrr mhuinntir às na Ghàidhealtachd a-steach anns na sgìrean mu chuairt Ghlaschu; agus fhuair e deagh thaic bhon fhoirfich co-cheangailte ris an eaglais a dh’fhàg e), thug e buaidh air an luchd-fastaidh, agus fhuair e obair ann am banca. Bha a theaghlach air tighinn gu beatha ùr.

Dh’fhàs teaghlach Nèill (Daibhidh agus a bhràithrean agus a pheathraichean) eòlach air cultar nan Gàidheal bho stòras domhainn, beartaich, ’s e sin ri ràdh bho ghlùin an seanmhar. Dh’innseadh i sgeulachdan, agus ghabhadh i òrain Gàidhlig ris an luchd-èisteachd òg. Chunnaic Daibhidh, anns an àm a bha ri teachd bhon taigh bhochd ud, co-shìn eadar cultar nan Gàidheal, far a bheil aithris sgeulachdan agus òrain aig teis-meadhan na beatha, agus cultar nan Afraganach, a chaith am beatha-obrach anns an aon dòigh; agus a’ dèanamh an obair na b’ aotroime agus na bu thlachdmhòire dhaibh. Dh’fhaodmaiad a ràdh gun robh bloigh de thuigse aig inntinn òg ar gaisgich air a’ Ghàidhlig, ged a bha e air a chuairteachadh ri cultar Beurla Gallda. Gu dearbh, thugadh (agus bheireadh) tòrr sgrìobhadairean am beachd gur e deagh bhàrr-shampaill cumadh Gall a bhuin ri cultar na Galldachd a bh’ ann. ’S ann bho bhun-smaoin John Knox a gheibhear am feallsanachd “beus-obrach Phròstanaich”, agus theireamaid gu deimhinnt gun cuireamaid Daibhidh anns an dream sin.

Ach dè mu dheidhinn na beatha-obrach aige? Thòisich e, thathar ag innse dhuinn, obair anns a’ mhuileann aig deich bliadhna a dh’aois, ag obair bho shia ’s a’ mhadainn gu ochd air an oidhche, sia làithean a-mach à seachd. Às dèidh dha a chuid obrach a chrìochnachadh gach feasgar, lìbhrigeadh foghlam dha, còmhla ris a’ chloinn eile. Mhàir seo gu deich air an oidhche, agus aig fìor dheireadh na h-oidhche, tuigeamaid gum biodh inbheach sgìth leis an oidhirp, fiù ’s balach a bha fhathast ri sreap gu inbhe! Thugadh an cruadal seo buaidh air, ach ann an dòigh fhàbharach, bhuannachadh. Thuirt seann thuathanach ris an do dh’obrach MacDhùnlèibh gun robh am balach drìpeil fad na h-ùine – ach cha b’ ann ris an obair a bha fa-near dha a dhèanamh! Bha sròn Dhaibhidh an-còmhnaidh stuigte ann an leabhar air choireigin!

Mar a thug e ceumannan air adhart na chuid fhoghlam, fhuair e treanadh ann an Laideann agus Greigeis Chlasaigeach. Fhad ’s a bha e trang a’ cumail a shùl air an obair, bha sùil eile aige dluth-choimhead air leabhar gramarach no saidheansail. Thuigeamaid gun robh gaol domhainn agus acras mòr air a’ bhalach a-chum fiosrachadh ar saoghail a spionnadh a-mach à leabhraichean agus a chur gu feum na bheatha làitheil. Ach bha inntinn iomadh-fhillte aige, agus cha do lìon e a inntinn ri faoineasan agus caran an t-saoghail, mar a theireadh a cho-aoisich dha; fhuair e bainne spioradail bho athair, a bhiodh ga bheathachadh agus a dh’àlaich toraidhean an spioraid dha anns an lèir-ùine. ’S e fìor-chreideamhach a bh’ ann an athair Dhaibhidh, ach chaidh Niall agus a theaghlach an aghaidh eaglais an latha; lean teaghlach Nèill conaire na h-Eaglais Soisgeulaiche, an àite reachdan agus tuigse an eaglais stèidhichte, Eaglais na h-Alba.

Ach cha chuireamaid casaid air Daibhidh gur e creideamhach gruamach, rag a bh’ ann. Gu dearbh, rinn e fhèin gearan agus casaid an aghaidh co-obrach àraid ann an Afraga, bliadhanaichean air dha Bail’ an t-saoir fhagail, ag ràdh gun robh e a’ leantainn riaghailtean na Sàbaid gu litearach. Leis an dòigh seo, chaidh MacDhùnLèibh ann an cas-ceum Iosa a gheibhear anns a’ Bhìoball – duine nach robh idir eagalach a’ saltradh air gnàthasan an latha, nuair a chuir Iosa barrachd cliù ann a bhith na creideamhach a’ leantainn astar tròcair agus ath-thruas. Is cinnteach gun robh ar gaisgeach fad eòlach air teagasg a’ Bhiobaill, ge b’e cho no-co-aimsireil nar latha ’s a tha e. Ach is e riatanach gun tuigear an seòrsa duine a bha ann; duine a thuig teachdaireachd agus spiorad nan Sgriobtar, seach nam falcan lòm fhèin.

Co-dhiù, fhad ’s a bha e a’ cur eòlas air an t-saoghal ma chuairt, na splaoidean beaga air an deach e anns na coilltean agus seachrain aige air bruaichean na Cluaidh, chruinnich e agus thrusadh e lùsan agus eile a bhiodh a’ fàs air an dùthaich. Bhiodh an inntinn dualtach ri sgrùdadh-mionaideach aige gu tùr cuideachail dha, a’ clàradh ainmhidhein agus lùsan na dhùthcha fhèin agus ann an Afraga.

Leis an adhartais a rinneadh ann an cànanan agus saidheans mus deach e dhan oilthigh, bha fìor uidheamachd cheud-fhàthach aige a-chum foghlam aig ìre na b’ àirde a thòiseachadh. Ann an 1836, aig tòiseach an t-seimeastair, chaidh e fhèin agus athair air cois, eadar Bail’ an t-saoir agus Glaschu, ochd miltean a dh’fhaide, a’ falbh a’ chiad rud anns a’ mhadainn. Fhuair e àite-fuirich ann an Glaschu, ach am broinn ùine bige, thàinig e a-steach air nach robh an t-àite-fuirich iomchaidh dha, agus dh’fhàg e agus a’ sìreadh àite na bu fhreagarraiche. Cha deach mòran ùine seachad gus an do lorg e fear, agus aig a’ cheann thall ghluas e a-steach, agus a’ gabhail còmhnaidh fad a’ chiad sheimeastar ann an Glaschu (ach air saor-làithean).

Rè an cuid foghlaim aige, sheall e claonadh anns na saidheansan, gu dearbh anns an laboratoraidh chuimigich. Bha aige ri caraidean ùra a dhèanamh aig an oilthigh, ach cha robh sin idir na dùbhlan dha. Dh’fhàg e buaidh math agus maireannach air oileanach agus oraidichean mar aon, agus bha e na sgoilear dìcheallach. Fad na h-uine, rinn e meòrachadh air bileag (no duilleag-làimhe) a fhuair e anns an eaglais ann am parraist ris an deach e, trì miltean air falbh bho Bhail an t-saoir ann an Hamaltan. Leugh e le geur-ùidh, feasgar na Sàbaid àraid air dhàsan a’ bhileag a thogail, gun robh comann teachdaire (no “mission society”) a’ sìreadh dhaoine aig an robh teisteanas bho oilthigh ann an diadhachd AGUS ann an leigheas. Ged a chuir e fòcas aige air cuairt a choileanadh a Shìona, far an robh am feum mòr airson dotairean agus ministearan nam facal, thòisich an Cogadh Opium eadar Breatann agus Sìona, agus mar thoradh air sin, ghluas fòcas MhicDhùnlèibh aig a’ cheall thall do àite co-ionnanach ann am feum – tìr-mòr Afraga.

Às dèidh dha cuireadh fhaighinn gus treanadh a thòiseacheadh ann an Lunnainn, agus a’ dol tro nan deuchainnean gu soirbheachail ge b’e dàil no dhà bho oraidiche no dhà os-cionn obair-ceartachaidh agus siostam measaidh aig a’ chomann, thàinig e tuilleadh is barrachd follaiseach gun robh oileanach air leth comasach nan làmhan. A-rithist, dh’fhàg Daibhidh deagh mhiannan agus buaidh mhòr air gach duine ris an do thachair e ann an Lunnainn. Ach bho àm gu àm, dh’èirich ann an Albannach òg colna agus fearg agus, mar a chùm cuid a-mach, dìorrasach a leithid nach deach a lorg anns a cho-aoiseach. An d’ fhuair e, mar dìleab air nach robhar ag iarraidh, mì-ghnèithealachd bho a shinnsearan Ghàidhealach? An e foinnich pàirt do-sgaradh am-measg nan Gàidheal? Theireadh am-measg cultaran agus a’ beachdachadh oirnn, gu bheil inntinn Gàidheal luath agus dualtach ri tionndadh gu fearg gun rabhadh. Agus lean am faoin-shamhla seo MacDhùnlèibh tro a bheatha uile, ged a chuir e a’ chuid a bu mhotha dhaoine aig fois am-measg a chompanaich, le teò-chridheach agus an nàdar ciùin a ghabh còmhnaidh ann na bu thrice na rinn fearg a-riamh.

Ann an Afraga[deasaich | edit source]

Clach cuimhneachan Dhaibhidh MacDhùnleibh faisg air na Victoria Falls ann an Saimbia

Thàinig Daibhidh MacDhùnlèibh gu tìr Afraga ann am Màrt, 1841. Bha ionad a’ mhisean air a stèidhichte bho 1799 ann an sgìre Cape Town, agus mar seo, bha structar agus bunaitean ann air an robh e comasach adhartas a thogail ann an ainm Comainn Mhisein Lunnainn (“London Mission Society”). Chuir e roimhe na sgìrean do-ruigsinn a ruighinn, ann an ainm a Shlànaighear, agus airson adhartas a’ chinne-dhaonna. Thuig e, mar a thàinig soisgeulaichean eile an àm gu co-dhùnadh, gun robh an dòigh a b’fheàrr do shaorsa nan Afraganach eisimileach air malairt agus creideamh. Cha robh am bun-smuain seo idir co-ionnanach ri bun-smuain nam Boer, no fiù ’s bun-smuain nan rannsachair Portugalach, a ghlacadh air na tùsanach agus sheòl iad tarsainn a’ chuain na traillean seo gu Ameireaga-a-Tuath agus a-Deas. Ach, bha smaointean ùra a’ tighinn am-measg dùthchannan eile ag iarraidh sgur a chur air malairt nan traillean na làithean ud. Gu tric is minig, bhiodh MacDhùnlèibh agus a nàimhdean – na Boers, mar a bu thrice – aig ùgannan a chèile, agus a’ deasbad pàirt na h-eaglais ann an saorsa cinne-dhaonna uile gu lèir, seach air an duine geal a-mhàin. Tro a obrach uile aig Sgoil Dhiadhachd ann an Lunnainn, rinn Daibhidh ath-aithris air teachdaire an t-soisgeil a bha a’ tabhainn saoradh dhan uile, ge b’ e cò às a bha duine àraid, an cultar anns an do dh’àraich e, no fiù ’s “a’ bheatha pheacach” a roinneadh na tùsanaich eatorra. Theireadh gu ùghdarras gun robh na bun-smaointean seo a bha aige an aghaidh na h-eaglais chlèireach an 19mh Linn leis a reachdan Ro-thaghadh. Ged a thigeadh eiciuimeanachas chun an uachdair nar latha an-diugh, b’e seo reachdan sheachranach bho “fhìrinn” an t-soisgeil a bh’ ann. Ach a dh’aindheoin seo, chùm e an creid seo aig teis-meadhan a bheatha, agus choisinneadh e deagh chliù dha gum biodh marainneach chun an latha an-diugh am-measg Afraganach anns a cheann a deas. Chaidh “Livingstone” ann an Saimbia agus “Blantyre” ann am Malabhaidh ainmeachadh mar chuimhneachadh air an rannsachair mhòr, nach do chaomhain e a chliù no a bheatha am-measg nam Boer agus an dòigh ris an do làimhseachadh e a nàimhdean, air an do dh’amharc e mar cnap-starra gu saorsa aimsireil, saoghalta agus do shaorsa spioradail nan Afraganach.

Ann an co-dhùnadh, is e cnag na cuise cuimhneachadh gur ann ann an saoghal gu tùr eadar-dhealaichte a bha MacDhùnLèibh a’ tighinn beò bho a cho-aoiseach, ann am Breatann agus thall thairis ann an Aimeireaga, am-measg nam Boer. Chuir e roimhe saorsa a’ libhrigeadh dhaibh uile ris an do thachair e. Chuir e fàilte air na tùsanaich bhochda a thigeadh gu bith caith-bheatha dha, a’ sgaoileadh an t-soisgeil, a’ dèanamh cairdeis maireannach, a’ fosgail Afraga gu malairt, a’ tabhainn leighis dhan fheumachd, a’ togail bhailtean, agus a’ stèidheachadh institiùdan Afraganach, an àite institiùdan Eòrpach. Mar bhlas den mheas anns an do chùm Afraganach e, bhon àm agus am-measg Afraganach an latha an-diugh, seo faclan Andrew Ross anns a’ chaibideil deireannach “David Livingstone: Mission and Empire”:

Mythic status has been thrust upon Livingstone: as a saintly hero of Protestantism, as an icon of imperialism, as a leading embodiment of Scottish self-concsiousness, and lastly, in the 1960s, as the patron saint of African nationalism. At the dedication of the new monument to Livingstone at Chitambo’s, President Kaunda of Zambia led the singing and dancing and referred to Livingstone as the “first freedom-fighter”.

Thathar an dòchas leis an sgrìobhadair gun do dh’ fhàgadh deagh bhlas de bheatha MhicDhùnLèibh, agus a bhuaidh air Afraga ris nach bu chòir dhuinn a ghabhail gu suarach.

Tùsan[deasaich | edit source]

Prìomh thùs: Ross, A. 2002, Hambledon and London, David Livingstone: Mission and Empire

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: