Daibhidh I na h-Alba
O Uicipeid
B' e Rìgh na h-Alba eadar 1124 agus 1153 a bha ann an Dabíd mac Maíl Choluim. Bha e na mhac Mhaol Chaluim III. Rugadh e ann an 1084 agus chaochail e 24 an Cèitean 1153.
Fon riaghailt aige thàinig atharrachaidhean mòra a-staigh do Rìoghachd na h-Alba. Bha iad a' gabhail a-steach stèidheachadh nam borghan is nan abaidean, atharrachadh an riaghaltais a rèir beachdan Normanach agus tòiseachadh siostam feudalach le in-imrich de dhaoine uasal às an Fhraing.
