Dùn Neachdain

O Uicipeid
Dùn Neachdain

Càrn-cuimhne ann an Dùn Neachdain
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 56° 37′ 45″ T
2° 48′ 10″ I
Comharradh-clèithe NO508489
Feartan fiosaigeach

'S e baile-beag ann an Aonghas a th' ann an Dùn Neachdain no Dùn Eachain[1][2] (Beurla: Dunnichen).

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha beachd aig cuid de dh'eachdraichean gun tachair Blàr Dhùn Neachdain faisg air Dùn Neachdain, ach tha beachd aig cuid eile gun tachair e ann an Dùn Neachdain (Dunachton anns a' Bheurla) ann am Bàideanach.

Fhuaradh leac shnaidhte Chruithneach ann an Dùn Neachdain anns an 19mh linn. Tha an leac shnaidhte anns an Taigh-tasgaidh Meffan ann am Baile Fharfair a-nis, agus thogadh mac-samhail de ghlainne-shnàithlichean ri taobh na h-eaglaise Dhùn Neachdain.

Bha eaglais paraiste ann an Dùn Neachdain, ach thàinig seirbhisean gu crìch ann an 2011. Bidh na paraistich a' dol dhan eaglais ann an Letham a-nis.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dunnichen/Dùn Eachain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2021.
  2. Mac an Tàilleir, Iain: “Placenames of Scotland”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2021.