Dòmhnall Ruadh Chorùna

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Fiosrachadh
Rugadh Flag of Scotland.svg Uibhist a Tuath 9 an t-Iuchar 1887
Bàs Flag of Scotland.svg Loch nam Madadh 13 an Lùnasdal 1967
Obair litreachas, Bàrdachd
Cànan Gàidhlig
Linn 20mh linn
Creideamh Crìosdaidheachd

Rugadh Dòmhnall Ruadh Chorùna, no Dòmhnall MacDhòmhnaill (9 an t-Iuchar 1887 - 13 an Lùnasdal 1967) ann an Corùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Bha am baile air ainmeachadh mar chuimhneachan air a shinn-seanair a bha na shaighdear aig Corùna san Spàinn ann an 1809.

Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' mhailisi. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns a' Chogadh Mhòr far an deach a leòn aig Blàr an Somme. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga leigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Òran Arras' agus 'An Eala Bhàn'.

Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na chlachair agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a-Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean-coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.

Tha deagh chuid de bhàrdachd Dhòmhnaill ri leughadh ann an 'Dòmhnall Ruadh Chorùna', F. MacAmhlaigh agus S. A. Mac a' Phearsain (Uibhist, 1995), ach tha tòrr eile ann nach deach riamh an clò.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]