Dòmhnall Mac na Ceàrdaich

O Uicipeid
Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
Beatha
Breith Barraigh, 5 dhen Dùbhlachd 1885
Dùthaich  Alba
Bàs 1932
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd

B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (5 an Dùbhlachd 1885 - 1932) (Beurla: Donald Sinclair).

Rugadh e air 5 Dùbhlachd 1885 ann am Barraigh. Bha e ag obair mar iasgair airson greiseig còmhla ri athair, agus as dèidh sin, chaidh e a Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich e dreuchd, agus chuir e seachad iomadh bliadhna ann am Manchester.[1] Bha e a' sgrìobhadh dhealbhan-chluiche cuideachd, mar eisimpleir Dòmhnall nan Trioblaid agus Suirighe Raghnaill Mhaoil.[1] Chaochail e ann an 1932 nuair a bha e fhathast gu math òg.[2]

Ann an 2014, chaidh cruinneachadh de a shaothair fhoillseachadh: nam measg bàrdachd, òrain, dealbhan-clùiche, aistean, sgeulachdan agus eadar-theangachaidhean.[3]

A Bhàrdachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • Là nan seachd Sìon - dàn fada a chaidh fhoillseachadh ann an iris Guth na Bliadhna eadar 1915 is 1916
  • Slighe nan seann Seun
  • 'Fàilte do Bharraigh'

Foillseachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Mac-na-Ceardach, Dòmhnall. 1927. 'Dealachadh nan Rathad', ann an Guthan o na Beanntaibh / Voices from the Hills deas. le John MacDonald (Glaschu: An Comunn Gàidhealach), d.17-22.
  • Mac na Ceàrdach, Dòmhnall. 2014. D.M.N.C.: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich (Inbhir Nis: Clàr) ISBN: 978-1-900901-78-9

Sgrìobhaidhean acadaimigeach[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacLeòid, Aonghas. "Forgetting Donald Sinlair 1885-1932: the Passage Between Celtic Revival and Scottish Renaissance." Scottish Language 37: 2018.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 BBC Alba Bliadhna nan Òran: Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
  2. Ruaraidh MacThòmais, An Introduction to Gaelic Poetry (Dùn Èideann: Oilthigh Dhùn Èideann, 1989) d. 254.
  3. Mac na Ceàrdach, Dòmhnall. (2014) D.M.N.C.: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich (Inbhir Nis: Clàr)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]