Dòmhnall Mac an Deòir

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Wfm donald dewar statue.jpg

B' e neach-poileataigs Albannach a bha ann an Dòmhnall Mac an Deòir (Dòmhnall Deòireach/Donald Dewar) ( 21 an Lùnasdal 1937 - 11 an Dàmhair 2000). B' e esan a' chiad Prìomh Ministear aig Alba.

Eachdraidh-bheatha[deasaich | edit source]

Rugadh e ann an Glaschu agus chaidh e gu Acadamaidh Glaschu agus an uairsin gu Oilthigh Glaschu. 'S ann aig Oilthigh Glaschu a choinnich e Iain Smith, a bhiodh na cheannard aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, aig sòisealtas deasbad an oilthigh.

Bha e na bhall den Phàrtaidh Làbarach aig ìrean Albannach agus Breatannach bho aois òg. Fhad 's a bha e ag obair ann an Glaschu mar neach-lagha bha e taghte a bhith na Bhall-Phàrlamaid airson an roinn-taghaidh Obar Dheathain Deas, aig aois 28, anns an taghadh coitcheann 1966. Ann an 1970 dh'fhàg a bhean aige, agus màthair gu dithis clann, e airson am fear-lagha Albannach Derry Irvine. Cha do rèitich an dithis duine a riamh ged a bha iad a' fritheil anns an aon Chaibineat ann an 1997. Cha do phòs e a rithist. Cuideachd ann an 1970 chaill e a chathair-pàrlamaid anns an taghadh coitcheann 1970.

Thug e greis a mach a poileataigs anns na seachdadan gun do thill e ann an 1978 mar Ball-Phàrlamaid roinn-taghaidh ann an Glaschu. Dh'èirich e gu luath troimh na h-inbhean agus ann an 1984 bha e na bhall den chaibineat dùbhlanach.

Ann an 1997 nuair a bhuannaich Am Pàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann rinn Tony Blair e na Rùnaire na Stàite airson Alba. Anns an dreuchd seo b' urrainn dha cumail am pròiseact a thoisich Iain Smith mus do bhàsaich e - The Scotland Act - a' dol. Thoisich agus bhrosnaich e an tiomnadh chumhachdan agus ann an 1999 thàinig an obair a rinn e gu àirdeas nuair a fhuair Alba a chiad Phàrlamaid aca airson 300 bliadhna agus bha esan air a thaghadh mar a' Phrìomh Ministear.

Thoisich an obair a bha e air dèanamh airson na Pàrlamaid seo fhaighinn dèanamh spàirn air agus bha aige ri obair-lannsa cridhe fhaighinn anns a' Chèitean 2000. Air 10mh, an Dàmhair am bliadhna sin bha call-fala mòr aige na cheann. Bhàsaich e an ath latha ann an Ospadail Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann. Bha an tìodhlacadh aige ann an Cathair-eaglais Glaschu am meadhan seallaidhean de bhròn nach robh am baile air faicinn roimhe airson neach-poileataigs. Bha a chorp loisgte agus a luaithre air an sgapadh aig Ceann Loch Gilb.

Anns a' Chèitean 2002 dh'fhosgail Tony Blair ìomhaigh de Dhòmhnall Mac an Deòir aig ceann Rathaid Bhochanain ann an Glaschu.