Cur fo chràdh

O Uicipeid
Inneal-pianaidh nam Meadhan-Aoisean

Tha cur fo chràdh 'na ghnìomh sam bith anns a bheil cràdh (no fulangas) corporra no inntinneil trom air chur a dh'aon ghnothaich air daoine airson adhbharan fhaotainn asta, no treas neach, fios no aideachadh, gam peanasachadh airson ghnìomha a tha iad no treas neach air a chur an gnìomh (no a tha iad fo amharas air a chur an gnìomh), no gan cur fo eagal no ceannsachadh, no airson gnìomha sam bith gur bunaichte air lethbhreith sam bith, 'n uair a tha cràdh no fulangas air chur às no aig a' bhrosnachadh de no leis an aontachadh de neach a' chumhachd. Cha ghabh seo a-steach cràdh no fulangas ag èirigh a-mhàin à, dualach ann an, no tuiteamach ri, òrduighean laghaile.

Fhathast, tha ann mòran chonnspaide mu dheidhinn a' cur daoine fo cràdh. Ann an aon slighe, mothaichidh buill-chumhachd gur na daoine seo cunnartach ris an t-sluagh choitcheann, ach is ann buaidh mhath-clàraichte de chur fo cràdh gun (fo cràdh) aidich daoine ri rud sam bith a theicheadh an t-suidheachaidh, fiù is ged a tha am fios iomlan neo-fhìor.