Cunnart nan arm-tilgidh ann an Cùba

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Cunnart Urchair an Cuba)
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Ann an 1962 thug Nikita Krushchev cead airson airm niùclasach a stèidheachadh ann an Cùba airson an eilean a dhìon an aghaidh ionnsaigh Ameireaganach agus cuideachd airson co-chuideam a righinn an aghaidh cho cumhachdach sa bha na Stàitean Aonaichte a-rèir arm-tilgidh niùclasach le ruigheachd fhada a bha suidhichte aca anns an Roinn Eòrpa. An deidh do itealan-lorgaire sùil fhaighinn air na gearasdain urchair chaidh innis don an Ceann-suidhe, Kennedy, agus fad seachdain bha e a coimhead coltach gun robh an saoghal gus a dhol gu cogadh a-rithist.

Mar a thachair se an Aonadh Sobhiat a sheas sìos an deidh do Kennedy gealladh do Khrushchev nach dèanadh e ionnsaigh air Cùba. Thuirt na h-Ameireaganaich cuideachd gun doireadh iad na h-airm "Jupiter" aca a-mach às an Tuirc.

Dh’aontaich Kennedy gu poblach ris a chiad iarraidh agus gu dìomhair ris an dara.

Chaidh na longan Ameireaganach a thoirt air ais air an 20mh den t-Samhain. Thug na Sobhiataich na h-air niùclasach aca a-mach robh deireadh na bliadhna agus rinn na Stàitean Aonaichte an aon rud le na h-airm aca anns an Tuirc an ath-bhliadhna.

Chaidh hot-line a chruthachadh eadar na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Sobhiat airson dèanamh cinnteach nach tachaireadh a leithid a-rithist.