Crann-togail

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Crann-togail

Is e a tha ann an crann-togail inneal airson togail stuth gu h-àrd. Aig a' char as simplidh, is e a tha ann an crann togail, ach crann laidir claonta, air an cumail suas le stughan. Bithidh ulag aig ceann na cruinne, inneal-tachrais aig a bun, agus ropa sinte bhon inneal-tachrais, tro an ulag ri dubhan a bhitheas ceangailte ri ceann an ropa.

Nuair a leigeas an t-inneal tachrais an ropa a mach claonaidh an dubhan. Togar eallachan nuair a chrochar iad air an dubhan mus am bithidh an inneal tachrais a tarruinn an ropa a-steach, agus an eallach suas 's an adhair.

Seòrsaichean Crann-togail[deasaich | edit source]

Tha iomadh seorsa crann togail, roinnte a' reir cruth agus comas. Chanar crann togail steidhichte ri crann-togail a tha air an togail air bunachar steidhichte, agus crann-togail siubhal ri crann togail a tha steidhichte air carbad neo air creit a tha fhèin siubhalach.

Dleasdanas nan Crann-togail[deasaich | edit source]

Chanar dleasdanas crann-togail ris an comas a tha aig crann-togail a thogail cuideam aig luaths agus aig astar bho a phrine larach.

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: