Crann-sneachda

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Crann-sneachda

Is e a tha ann an crann-sneachda, pìos acfhainn airson treabhadh sneachda far rathaidean is rathaidean iarainn. Tharainneadh na cruinn-sneachda rathaid bu tràth le sgioba-eich. Anns an latha an diugh giulanar cruinn-sneachda rathaid air toiseach làraidh.

Tha cruinn sneachda nan rathad-iaruinn air a bhi bobhtaichte ri toiseach inneal-tharuinn, ach is e carbad fa-leth a tha 'sna cruinn-sneachda bu mhor. Carbad sònraichte uidheamaichte le beairt tarruinn is dìonaidh àbhaisteach aig a' cheann deireannach agus an ceann-toisich an cruth soc-treabhaidh. Nuair a bhitheas crann-sneachda den seòrsa seo ag obair théid an putadh le inneal. Tha crann-sneachda den nòs seo ionadaichte aig Inbhir Nis.