Contra Danns Albanaich

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Contra Dannsa Albanaich

Is e a tha ann an contra-danns modh dannsaidh steidhichte air "seata fada" 's a bhitheas sreath nam fir a' dannsadh an aghaidh (contra)ri sreath na' mna. Taobh a-steachd am patran seo, dannsaidh "cupalan" le cheile agus bithidh gach cupal (fear is boireann)a dannsadh ri na cupalaibh eile a tha a' gabhail pairt 's an seata. Bithidh gach dannsa fa-leth deanta a gluasdan sonraichte. Anns a' chuid bu mhor de na dannsaichean, Is e an cupal aig ceann na seata a dhannsaicheas "turus" le na dannsairean eile mus a bith iad a' ruigsinn bun na seata agus toiseachaidh an dannsa a-rithis le cupal ur gan treorachadh. Theid roinneadh eadar na dannsaichean a reir an seorsa ciuil as freagarrach dhaibh: Port Singilte (6/8), Ruidheal (4/4) agus Srath Spè (4/4).

Cruth seata[deasaich | edit source]

Aig toiseach gach dannsa seasaidh na cupalan nan loidhneachan shios an talla, Is e "ceann" an seata an ceann as fhaisg air a comhlan ciuil, agus a choimhead a nuas (bhon comhlan ciuil) bithidh na fir nan loidhne air an taobh deas agus na cailleagan nan loidhne air an taobh cli. Gach dannsair a chuir aghaidh ris a cheile/ a ceile agus (ma bhitheas an talla mor gu leor ri uimhir nan dannsairean) astar mu deidhin 2 metre eadar na boireann agus na daoine. Cleachdaidh an cuid bu mhòr de na dannsaichean "Albannach" 4 cupal ris an seata, ged nach bi ach triur cupal nan dannsadh aig uair sam bith. Mar sin bithidh a' chiad cupal a'dannsadh turas leis an 2na agus an 3s cupal, a' criochnachadh 's an 2na ionad. Dannsaidh iad turas eile ( dara thuras) mus am bithidh iad nan "sleimhinn" ri bun na seata. Mur eil daoine gu leor ann a dheanamh seataichean slan, uaireanan bith seata ghoirid deanta a tri cupal-gach dannsair na dannsadh fad an t-siubhail. Anns an Dùn Deagh agus Machair Aonghais theid cleachdadh air "seata nan seachd cupal" airson a h-aon aobhar.

Glusadan[deasaich | edit source]

Bithidh gach dannsa fa-leth deanta a "gluasadan" 8 ceum ri gach gluasad, ceum ri gach "slat" ciuil. Mar eisimplirean: Ruidhle(8 ceum ), cearcall (4ceum dhan deas, 4 ceum air ais), Posette (2 chupal a’ dannsadh seachad air a cheile an 8 cheum ri gabhail ionad a cheile). Reul (4 duine a’ dannsadh mun chuairt agus na laimhean deas an greim(4 ceum) agus air ais, le na laimhean cli(4ceum)).

Spòrs nàiseanta[deasaich | edit source]

Faodaidh gu bheil ball-coise spòrs nàiseanta na h-Albainn ach chan eil contra-danns' fada ga chulaibh, agus air feadh Alba cha mhor nach eil talla-bhaile as aonais "clas" a cruithneachas oidhche 's a seachdainn a dheanamh (neo a ionnsachadh)dannsaichean 's a mhodh. Bithidh gach clas ionadail a'cumail dannsa 2 neo 3 turus 's a bhliadhna. Mar is tric aig na tachartasan seo, bithidh 18 dannsaichean eadar dhealaichte air a' phrogramme agus bithidh 2 bhreic- 1d airson srupag 'us ceapairean agus 2na airson roiteag is sile. Is e priomh riaghal nach danns thu leis a h-aon partner ach trip neo dha air feadh an oidhche, dara riaghal nach diult thu danns' mur eil cuideigin eil air iarraidh an danns 'ud leat nas traithe agus an treas riaghal- ma thuiteas tu nach laighe thu air an urlar ach feumaidh tu eirigh cum ort ri deireadh na danns. Danns soisealta neo martial art? Deagh Spors co dhiu. Feuch E!

Ceangal a-mach[deasaich | edit source]