Comh-bhuaineadair

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is e a tha ann an comh-bhuaineadair beairt àiteachas siubhalach a bhuaineas, a bhualas agus a ghlanas an sile às gach seòrsa arbhair, siol-òla neo gràine cochullach. Is abhaist dhaibhse a bhi fein-iomanaichte ach chaidh tarruinn air samhuilean nas tratha air culaibh tractar.

Chan e buanaich (gearradh) a-mhain a dheanas an comh-bhuaineadair ach tri gniomhan fa-leth

  1. Buain - Gearradh an arbhair mar a tha e na seasamh 'san achadh
  2. Bualadh- Gus an tig an gràin a mach as na diasan.
  3. Glanadh- A roinneadh an gràin (a tha luachmhor), bhon fodair agus bho n moll.

Tha an diagram air an deas a comharrachadh na h-ainmean air buill a'bheairt. Tha eagar comh-bhuaineadair ceart cho soillear anns a'ghriangraf fodha.


Comh-bhuaineadair
Comh-bhuaineadair fein-iomainichte: Leth-shealladh thar an druim-loidhne
1) Ruidhle
2) Gad Chorragach
3) Bidhis trusaidh
4) Bann togail
5) Glac na cloiche
6) Druma Bualaidh
7) Ciste bualaidh
8) Carraigeach Fhodair
9) Bord gràine
10) Gaotharan
11) Criathar Uachdar
12) Criathar Iochdar
13) Bann muill
14) Ath-bhualadh na muill
15) Bidhis Gràine
16) Trabhailt Gràine
17) Gearradair Muill
18) Bothag an Stiureadair
19) Caradair
20) Bidhis Libhrigidh
21) Iomaineach