Cogadh nam Boer

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cogadh nam Boer

Bha dà chogadh ann ris an canar na Cogaidhean Boer. Cha mhòr nach robh na tìreachasan Duitseach (Boer) ann an Afraga a Deas air an cuairteachadh le tìreachasan Breatannach. Thug seo còmhstri agus teinnteachd, agus gu dearbh cogadh, mun cuairt ann an 1880-1881 agus 1899-1902. Sheas na Beorich na b' fhaide na bha dùil an aghaidh cumhachd na h-Ìompaireachd Bhreatannaich agus thug a' Ghearmailt taic dhaibh. Thug seo dhachaigh air Breatainn gun robh feum aice air càirdean eadar-nàiseanta.