Cogadh a' Chaidreachais Thrìpilte

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cogadh a’ Chaidreachais Thrìpilte
Krigsteater trippelalliansekrigen.png
Iomairtean a’ chogaidh is fearainn chaillte
Ceann-latha 18641870
Àite Braisil Paraguaidh agus Uruguaidh
Casus belli Malairt
Buil Chaill Paraguaidh
Atharrachadh chrìochan Mato Grosso, Sgìre na h-Aibhnichean Paraná, Paraguay agus Uruguay
Atharrachaidean Thug na dùthchannan eile mòran fhearain bho Pharaguaidh
Luchd-cogaidh
Flag of Argentina.svg An Argantain Flag of Empire of Brazil (1870-1889).svg Braisil Flag of Uruguay.svg Uruguaidh Flag of Paraguay.svg Paraguaidh
Cinn-fheachda
Diuc Caxias, Iarla Eu, Bartolomé Mitre, Venancio Flores Francisco Solano López
Neart
Flag of Empire of Brazil (1870-1889).svg 164,173 Flag of Argentina.svg 30,000 Flag of Uruguay.svg 5,583 150,000
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
Flag of Empire of Brazil (1870-1889).svg 50,000 – 200,00 Flag of Argentina.svg 10,000 - 50,000 Flag of Uruguay.svg 5,000 – 10,000 300,000 – 350,000

‘S e an cogadh na bu mhotha agus na b’ fhuiltiche fad an 19mh Linn ann an Aimearaga-a-Deas, eadar Paraguaidh air an darna thaobh agus An Argantain, Braisil agus Uruguaidh air an taobh eile, a bh’ ann Cogadh a’ Chaidreachais Thrìpilte (ainm anns an Argantain agus Uruguaidh), Cogadh Pharaguaidh (ainm ann am Braisil) neo An Cogadh Mòr (ainm ann am Paraguaidh). Tha na daoine ann am Paraguaidh agus eachdraichean na làimhe chlì anns an Argantain dhen bheachd gur e An Rìoghachd Aonaichte,[1] a thug iasdan dhan chaidreachas a bha ri cùlaibh a’ chogadh,[2] is Lunnainn ag iarraidh milleadh a dhèanamh dha na gnìomhasan ann am Paraguaidh, ach thathar ag ràdh ann am Braisil, Uruguaidh agus An Argantain, gu h-oifigeil, gur e ionnsaighean Pharaguaidh fhèin a bha na bu choireach.[3]

Thòisich an cogadh ann an 1864 nuair a thug Paraguaidh ionnsaigh air Braisil,[4] is iad a’ dìon Uruguaidh, a bha a’ fulang a' Cogaidh Shìobhalta aig an àm. Thug na trì dùthchannan eile ionnsaigh air Paraguaidh cuideachd, is mhair an cogadh 6 bliadhna. Cha b’ urrainn do Pharaguaidh ruaig a chur air na feachdan sin is chaill iad an cogadh ann an dòigh doirbh, marbhtach: chum An Argantain agus Braisil 169.174 km² dhe fhearainn, is thuit àireamh-sluaigh Pharaguaidh bho 1,525,000 ron chogadh gu 221,000, is dìreach 28,000 fìreanaich nam measg. A bharrachd air sin, b’ fheudar do Pharaguaidh iasadan dhe £3,220,000 a phàigheadh dhan na bancaichean ann an Sasainn. Bha na h-iasadan aig dùthchannan a’ chaidreachais uabhasach àrd cuideachd is bha an sgìre ann an droch staing an eaconomaidh fad bliadhnaichean an dèidh a’ chogaidh.[5]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Miguel Angel Centeno, Blood and Debt: War and the Nation-State in Latin America, University Park, PA: Pennsylvania State University Press, 1957
  2. Eduardo Galeano, Las Venas Abiertas de América Latina, ISBN 950-895-094-3
  3. Mflor
  4. Ed Histórica
  5. Mflor

Ceanglaichean A-Mach[deasaich | deasaich an tùs]