Cogadh Catharra Ameireaganach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Cogadh Cathara Ameireaganach)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
American Civil War Montage 2.jpg
Coghadh Cathara Ameireaganach
Cuin: 12 an Giblean 1861 gu 9 an Giblean 1865
Càite: Stàitean Aonaichte
Adhbharan: Ionnsaigh Co-fheadairealach air Dùn Sumpter

Thachair an Cogadh Catharra Ameireaganach eadar 1861 agus 1865 eadar na stàitean a deas a bha a' strì dùthaich neo-eisimeileach stèidheachadh agus na stàitean a tuath a bha airson an dùthaich a chumail aonaichte. Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuanaich na Stàitean a Tuath. 'S e cogadh a b' fhuiltiche ann an eachdraidh na Stàitean Aonaichte. Chaidh tòrr is 600,000 saighdearan a mharbhadh ann.

Adhbharan[deasaich | deasaich an tùs]

Anns a' cheann a deas na Stàitean Aonaichte, bha mòran de dhaoine a bh' air an cumail ann an tràillealachd, daoine dhubha a bh' air an toirt thar a'Chuain Siar bhon Afraga. Ged a bha tràillealachd ceadaichte air feadh na Stàitean Aonaichte aig àm an Aramach, 's ann ann an ceann a deas gu h-àraidh a dh'fhàs i cudromach dhan eaconamaidh ionadail anns na bliadhnaichean a lean deireadh an Aramach. Aig an dearbh àm , chaidh tràillealachd à bith buileach anns a' cheann a tuath.

Aig àm a' chogaidh 1812 eadar na Stàitean Aonaichte agus a' Bhreatainn Mhòr, bha an aon uibhir de stàitean saora sa bha stàitean far an robh tràillealachd ceadaichte. Bha sin a' ciallachadh gu robh co-ionnanachd eadar an dà chuid de stàitean anns an t-Seanaid far an robh dhà sheanair aig gach stàite. Cha robh na stàitean tràillealachd deònach idir an cuid co-ionnanachd a chall. Mu dheireadh ann an 1820, cho-dhùin iad, bho sin a-mach stàitean ùra a leigeil a-steach nan càraidean, an dàrna tè saor agus an tè eile tràillealachd. Mar sin, cha chailleadh na stàitean tràillealachd an cuid co-ionnanachd de chumhachd.

Ach tro thìde, dh'fhàs tràillealachd na bu chonspaidiche anns na stàitean a tuath. Nochd iomairtean aig an robh amas cuir às dhan tràillealachd anns na stàitean a deas agus dh'fhàs na stàitean a tuath aindeònach stàitean tràillealach a bharrachd a leigeil a-steach do na Stàitean Aonaichte.

Thòisich cùisean a' fàs teann anns na bliadhnaichean a lean an cogadh an aghaidh Meagsago. Bhuanaich na Stàitean Aonaichte dhaibh fhèin cuid mhòr dhen dùthaich a bh' aig Meagsago ro làimh agus air sàilleabh sin, bho sin a-mach, bha deasbad mòr ann: am biodh na stàitean a rachadh a chruthachadh às tràillealachd neo saor?

Thàinig an deasbaid gu teann ann an 1854 nuair a chaidh roinn Kansas stèidheachadh. Chaidh co-dhùnadh gum b' e muinntir Kansas fhèin a cho-dhùnadh an tigeadh Kansas a-steach mar stàit thràillealachd neo shaor. Thàinig tòrr mòr de dhaoine a-steach dhan Kansas, cuid airson tràillealachd 's cuid an aghaidh 's an dàrna taobh a' feuchainn an taobh eile a phutadh a-mach às an Kansas. Bhris fòirneart a-mach 's mhair seòrsa de chogadh catharra ann an Kansas mu leth-dhusan bliadhna gu ruige thoiseach an cogadh catharra aig ìre nàiseanta.

Sgaradh[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig cùisean gu ceann aig ìre nàiseanta ann an 1860 aig àm iomairt an taghaidh. Gheall Abraham Lincoln nach leigeadh e tuilleadh stàitean ùra a thighinn a-steach ach mar stàit shaor. Dhiùlt cuid de na stàitean a deas ghabhail ri sin, oir bha fhios aca gun chailleadh iad an cuid de chumhachd anns an t-Seanaid. Nuair a chaidh Abraham Lincoln a thaghadh, dhealaich a' chiad shreath de stàitean bho na Stàitean Aonaichte mar a leanas:

Air an 4 an Gearran, 1861, chruinnich riochdairean às na stàitean Carolina a Deas, Georgia, Alabama, Mississippi agus Florida ann an coinneamh ann an Montgomery, Alabama. Roghnaich iad bun-reachd a chruthaich na Stàitean Co-fheadarail Ameireagaidh (SCA).

Aig an dearbh àm, chruinnich na Co-fheadarailich na mailisidhean a bh' ann mar tha ann an arm agus thòisich iad ri bheir air na dùin fheadarail air feadh na Co-fheadarailis gus mu dheireadh cha robh air fhàgail aig na Feadarailich eadar Texas agus Carolina a Deas ach trì Dùin, nam measg: Dùn Sumpter aig Charleston, Carolina a Deas.

'S ann air eilean ann am meadhan a' bhàigh aig Charleston a bha Dùn Sumpter agus bha am freiceadain feadarail air a chuairteachadh le feachdan a deas. Theann na saighdearan a deas losgadh air an dùn air an 12mh a' Ghiblean, 1861 ann an ionnsaigh a mhair fad latha agus rug iad air.

Mar fhreagairt, dh'iarr an Ceann-suidhe Lincoln air na stàitean eile mailisidhean a chruinneachadh dhan Riaghaltas Fheadarail na reubaltaich a chuir sìos. Dh'adhbharaich an gairme seo dàrna sreath de sgaraidhean mar a leanas:

Gu ruige seo, bha na stàitean seo deònach gu leòr fuireach leis na Stàitean Aonaichte ach cha robh iad deònach dhol gu cogadh an aghaidh nan stàitean a bha a' fàgail na Stàitean Aonaichte agus chruinnich iadsan dhan Co-fheadairaileas. Ach dhiùlt an ceann iar-dheas Virginia ghabhail pàirt dhen sgaradh sin agus dhealaich iadsan bhon Virginia agus bhon sgaradh-sa, chruthaich iad stàit ùr do na Stàitean Aonaichte: Virginia an Iar.

Bha a-nis 11 stàitean nam ball dhen Cho-fheadaraileas. Bha 4 stàitean tràillealachd a bha fhathast còmhla ris na Stàitean Aonaichte: Missouri, Kentucky, Maryland agus Delaware.

Coimeas eadar an Dà Thaobh[deasaich | deasaich an tùs]

US Secession map 1861.svg

Aig toiseach a' Chogaidh Catharra, bha 34 stàitean anns na Stàitean Aonaichte, 15 diubh tràillealachd 's 19 dhiubh saor. De na 15 stàitean tràillealachd, dhealaich 11 bho na Stàitean Aonaichte.

Seo a leanas beagan àireamhan-shluaigh:

Àireamh-shluaigh sna Stàitean Aonaichte air fad: 31,191,876 (1860)

Àireamh-shluaigh air am briseadh sìos a-rèir roinn:

Fìor Ceann a Deas a ghabh pàirt anns a' chiad sgaradh:

  • Àireamh-shluaigh air fad 4,869,141
  • Àireamh de thràillean 2,312,352
  •  % Tràilleil 47%

Dàrna Sreath Sgaraidh (Arkansas, Tennessee, Carolina a Tuath, Virgina:

  • Àireamh-shluaigh air fad 4,134,231
  • Àireamh de thràillean 1,208,798
  •  %Tràilleil 29%

Stàitean Tràilleil nan Crìochan (nach do dhealaich)

  • Àireamh-shluaigh air fad 3,212,041
  • Àireamh de thràillean 432,586
  •  %Tràilleil 13%

Stàitean a Tuath (seachd na Stàitean an fhìor chinn an iar nach do gabh pàirt sa cogadh) Àireamh-shluaigh air fad 18,048,790

Bha 9 millean neach a bha a' fuireach anns na Stàitean Co-fheadarail, 3.5 dhiubh nan tràillean an coimeas ri tòrr 's 21 millean anns a' cheann a tuath agus anns na crìochan le ach 2% dhiubh nan tràillean. Cha robh an Co-fheadaraileas deònach tràillean a chleachdadh mar shaighdearan. Tha sinn a' ciallachadh gun robh an Co-fheadaraileas a' tarraing nan saighdearan aca à àireamh-shluaigh de 5.5 milleanan neach aig an dearbh àm sa bha bha an riaghaltas Feadarail a' tarraing nan saighdearan acasan à 21 millean. Na bu mhiosa na sin dhan Cho-Feadaraileas, mar a lean an cogadh, theich cuid mhòr de na tràillean acasan dhan cheann a tuath far an deach iad dhan arm agus shabaid iad an aghaidh a' Cho-fheadarailis.

Toiseach a' Chogaidh[deasaich | deasaich an tùs]

As dèidh glacadh Dùin Sumpter, ghairm Ceann-suidhe Lincoln 75,000 saighdearan mailisidh a-steach dhan seirbhis an riaghaltais fheadarail airson 90 làithean gus ar-a-mach a chuir sìos. Sa cheann an ear, bha cùisean gu math cugallach an toiseach. Bha feachdan a deas gan cruinneachadh air taobh thall na h-aithne Patomac ann an Virginia mu coinneamh Washington D.C. Agus 's e glè bheag de shaighdearan bho thuath a bh' anns a' bhaile fhèin a bheireadh dìon air 's b' e gu math duilich do na feachdan bho thuath faighinn a-steach air air sàilleabh aimhreit a bh' air cùil a' bhaile ann an Maryland.