Clo-mheas

O Uicipeid
Clo-mheas
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Fìleam Angiosperms
Òrdugh Myrtales
Teaghlach Myrtaceae
Gèineas Syzygium
Spèiseas S. aromaticum
Ainm saidheansail
Syzygium aromaticum (Carolus Linnaeus)

'S e clo-mheas a' chlòmh thiormaichte den chraobh Syzygium aromaticum (ainm eile Eugenia aromaticum).

Tha na craobhan mu 8 is 12 meatair a dh' àird. An toiseach tha na clòimhean bàn, an uair sin fàsaidh iad uaine agus ma bhios iad dearg bidh iad deiseil airson buineadh.

Bho thùs thàinig na craobhan à Indonesia ach tha àiteachas anns an Innd-Innse, Madagascar, Zanzibar, Pagastàn is Sri Lanca an-diugh. Tha iad a' fás anns na h-Innseachan cuideachd far a bheil an t-ainm Lavang orra.

Thàinig an t-ainm Beurla cloves agus an t-ainm Frangach clou bhon fhacal Laideann clavus a tha a' ciallachadh 'tarrag'.

Tha clo-mheas gu math cumanta ann am biadh Innseanach, còmhla ri spìosradh eile tha e ann an garam masala, ann an deas nan Innseachan cleachdar e ann am biadh ris an canar biryani. Tha e na chunghais cudromach ann an leigheas Ayurveda agus ann an leigheas tradaiseanta Sìonach.

Clo-mheas