Cleachdaiche:Emain Macha/teamplaid

O Uicipeid
Oraigs Adharcach a' Chlaidheimh Chruinn (Oryx dammah)
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Artiodactyla
Teaghlach Bovidae
Fo-theaghlach Hippotraginae
Gèineas Oraigs
Spèiseas Oryx dammah
Ainm saidheansail
Oryx dammah (Cretzschmar, 1827[1][2]

'S e seòrsa oraigs (iolra:oraigsean) a tha ann an Oraigs Adharcach a' Chlaidheimh Chruinn[3] (Beurla: Scimitar(-horned) oryx).[2]

Chan eilear a' creidsinn gu bheil iad fhathast beò a-mach air an dùthaich ach ann an suthan a-mhàin.[2]

Àitichean-fuirich[deasaich | deasaich an tùs]

Bha iad cumanta air oir an fhàsaich Sahara. Lorgadh an fheadhainn mu dheireadh a bha beò a-mach air an dùthaich ann an Niger agus an t-Siad anns na 1980an.[2] Thathas a' creidsinn gu bheil còrr is 6,000 ann an cruinneachaidh prìobhaideach anns na h-Emirates Arabach Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte. Tha cuid aca a' fuireach anns an Sahara an-diugh ach taobh a-staigh raointean le feansaichean, 3 pàircean nàiseanta ann an Tunisia, Pàirc Nàiseanta Souss-Massa ann an Morogo, agus ann an Seanagal.[2]

'S toil leotha fuireach air fearainn tioram ach cha mhair iad beò ann am fìor fhàsach.[2]

Coltas[deasaich | deasaich an tùs]

San fharsaingeachd tha iad eadar 159 is 175 cm a dh'fhaid agus tha iad eadar 102 is 125 cm a dh'àirde aig an gualainn (Tha na fìreannaich nas motha na na boireannaich). Tha iad mu 180 is 200 kg de chuideam (fireannaich). Gu cumanta tha an t-earball aca eadar 37 is 44 cm a dh'fhaid.[2]

Tha aodainn geala orra le ruadh air an sròin agus thar nan sùilean. Tha an corp geal le ruadh air an amhaich agus a' bhroilleach. Tha an t-earball geal le pìos dorcha aig a' chrìoch.[2] Is iad an aon oraigs a tha ruadh, tha oraigsean eile dubh, geal is glas.[2]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Oraigsean Eile[deasaich | deasaich an tùs]

  • Oryx beisa
  • Oryx gallarum
  • Oryx callotis
  • Oryx gazella
  • Oryx leucoryx


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Encyclopedia of Life. 2 Gearran 2015.
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 2.5 2.6 2.7 2.8 Wilson, D.E. & Mittermeier, R.A. (deas.) 2011. Handbook of the Mammals of the World: V. 2. Hoofed mammals deas. le . (Barcelona: Lynx) d.688 & 691
  3. An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 2 Gearran 2015

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

chan eil 'oryx' ann:

  • LearnGaelic.net
  • Colin Mark
  • Am Faclair Beag
  • Dwelly