Cille Pheadair
O Uicipeid
'S e baile ann an Siorrachd Rinn Friù a tha ann an Cille Pheadair (Beurla: Houston). [1] Tha e suidhichte ann an Gleann Ghriobhaidh mu 6 mìltean air àird an iar-thuath Phàislig. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 52′ 1.09″ Tuath agus 4° 33′ 7.45″ Iar.
'S e Cille Pheadair am baile as motha anns an sgìre Houston and Killellana tha a' gabhail a-steach Crosslee agus cuid bailtean beaga eile. Ann an 2001 bha 6,610 duine a' fuireach an seo. [2]
Anns an 16mh linn bha caisteal agus eaglais an seo. Thàinig ainm a' bhaile bhon eaglais ud a bha ainmichte a-rèir Naomh Peadar. Chaidh am baile mar a tha e ri fhaicinn an-diugh a thogail anns an 18mh linn.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 403 667
- Làrach-lìn Cille Pheadair
- Eachdraidh na sgìre