Cille Mhàrtainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Caisteal Chille Mhàrtainn

'S e baile ann an Earra-Ghaidheal agus Bòd a tha ann an Cille Mhàrtainn (Beurla: Kilmartin). Tha am baile suidhichte ann an Gleann Chille Mhàrtainn. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 7′ 0″ Tuath agus 5° 29′ 0″ Iar.

Tha am baile ainmeil airson na h-àitichean eachdraidheil. Tha clachan-cinn às an 14mh linn rim faicinn faisg air Eaglais Chille Mhàrtainn. Tha mòran tursachan ann an Gleann Chille Mhàrtainn faisg air a' bhaile.

Chaidh Caisteal Chille Mhàrtainn a thogail anns a’ bhliadhna 1580. Tha Carnasserie Castle rud beag air àird a tuath a’ bhaile, chaidh a thogail eadar 1565 is 1572 leis an easbaig John Carswell. Tha e aig Alba Aosmhor a-nise.

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Royal Commission on the Ancient and historical Monuments of Scotland (RCAHMS): ARGYLL, Volume 6 Kilmartin 1999. ISBN 1-902419-03-0

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NR 835 970