Chambers Encyclopedia

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

B' e "Faclair de Eòlas Coitcheann", air a dhèanamh suas de deich Ròl agus mu deidhinn 800 sliosan anns gach ròl, a bha an gach iris de Chambers Encyclopedia. B' e an taigh-foillseachaidh ainmeil W. R. Chambers à Dhùn Èideann, a bha aig cùl a' gnàthach agus a thug a h-ainm dha. Is sàr chuairt-iùil a bha ann, a sheasadh ri co-mheas le na cuairt-iùilibh bu chudthromach anns an t-saoghail, air taobh an domhainneachd agus an leud de na altan a bha ann.

Fhoillseachadh a' chiad iris ròl air ròl, rè mu deidhinn seachd bliadhnaichean eadar 1877 agus 1884. Bha feallsanachd aig Chambers bho thus, gum biodh na altan anns a' Chuairt-Iùil aca domhainn gu leòr gun gabhadh an leughadair greim air prionnsabalan de chuspairean. Bha fìor-dhealbhan pongail agus co-aontaran matamataig a' nochdadh an altaibh air teicneòlasaibh mar eisimpleir.

Fhoillseachadh an dara iris, an "Century Edition", anns an 20mh cheud anns na beagan bliadhnaichean a roimhe a' chogadh mhòr. Is docha gur e seo an cuairt-iùil as fhearr a fhoillsich Chambers riamh. Chaidh ath-bhualadh air an cuid bu mhotha de na fìor dealbhan 'on chiad iris, agus bha pailteas de foirmle matamataig fhathast a' nochdadh far an robh iad buntainneach ris a' chùise, agus bha earrannan feumail air teicneolasan ùra, coltach ri rèidio. Bha saidheansan coltach ri ceimigeachd air leum air adhart anns an eadar-àm agus aig bun-ìre bha iad an iomadh dòigh fhreagarrach ri "reference ginearalta" eadhan anns na 1970an.

Chaidh clò-bhualadh air an "New Edition" ann an 1935 aig an University Press an Dùn Èideann. Bha cuid mhath de na h-aistean air an sgrìobhadh as ùr airson an tì seo. Ri sùil an XXImh linn (2008), tha pàirtean den chuairt-iùil seo a' comharrachadh an mì-chinnte poilitigeach de Eòrpa eadar an da chogadh mhòr. Air taobh na h-altan air cuspairean teicneolachd, chan eil na h-altan cho puingeil anns an fharsaingeachd as a bha iad anns an iris a roimhe. Bha amas air gluasad, bho gearr-leasanan inntrigidh do aistean mu deidhinn gach cuspair.