Chía (Cundinamarca)

O Uicipeid
Chía
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: {{{DEALBH}}}|300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Àirde 2290m
Co-chomharran 04° 52' 00' Tuath
74° 04' 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 80 km²
Àireamh-shluaigh 97,896 (2005)
Dlùths 1,223.7/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile mòr ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Chía. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,290m os cionn ìre na mara agus dìreach 2.7km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 14˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Chía an 49mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1720.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na h-ùghdarrasan ionadail dhen bheachd gur e ainm Chibcha a th' ann Chía, mar as àbhaist ann an Cundinamarca. Tha e a' ciallachadh Gealach.[4]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 97,896 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 24,055, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Chía, ach tha 2% dhe Tùsanaich agus 1.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 96.1% dhe na daoine ann am Chía leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 68.6% dhe na dachannan.[7]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chía. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mapa na Roinnean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Chía