Ceann a' Ghiùthsaich

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Am baile

'S e baile seirbhis anns a' Bhaideanach, a' Ghaidhealtachd a th' ann an Ceann a' Ghiùthsaich. Tha am baile suidhichte beagan miltean gu tuath bho bheallach Dhruim Uachdair a ghearras tro Dhruim Albainn bho dheas gu thuath. Aig Bhaile Ur an t-Slèibh, trì miltean gu deas, tha ceann Rathad Lagain a tharuinneas chun an iar gu Braighe Loch Abair agus An Gearasdan. Tha na tobhtaichean den Ruthven Barracks, a bha na ionad cudthromach aig an arm dearg re na deicheadan as dèidh bliadhna Prionnsa Thearlaich fhathast ri fhaicinn mu leth mhile chun an ear bhon bhaile.

Tha an sgioba iomain Chinn Ghiùthsaich air a bhith an sgioba iomain bu shoirbhicheil ann an Alba os cionn fichead bliadhna.

Goireasan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha grunnan buithtean aig Ceann a'Ghiuthsaich, gu dearbh bha e na priomh-bhaile den Bhaideanach mus an do dh'fhas baile mun chuairt an Gobhal Rathad-iaruinn aig An Aghaidh Mhor aig deireadh an 19mh linn. Is e clachan sgireil a tha ann, le Eaglais na h-Alba agus Eaglais Caitligeach. Tha ionad comhairle agus Ard Sgoil anns a' bhaile comhla le Museum Gaidhealach.

Ceangailean Iompair[deasaich | deasaich an tùs]

Tha rathad A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis na dol seachad air Ceann a' Ghiùthsaich agus tha steisean rathad-iaruinn air iomall a' bhaile.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bha am bàrd Donnchadh Gobha na èildear ann an Cinn a' Ghiuthsaich.