Ceann Loch Lìobhann

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ceann Loch Lìobhann

'S e baile anns a’ Ghàidhealtachd a tha ann an Ceann Loch Lìobhann (Beurla: Kinlochleven). [1] Tha am baile suidhichte ann an Loch Abar aig ceann an ear Loch Lìobhann. Tha am Mamores Ridge air taobh tuath a' bhaile, tha Gleann Comhann air an taobh a deas. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 42′ 47″ Tuath agus 4° 57′ 40″ Iar.

Ann an 2004 bha timcheall air 880 duine a' fuireach an seo. [2]

Tha an West Highland Way, frith-rathad astair eadar Glaschu agus a' Ghearasdan, a' dol seachad air a' bhaile, agus 's e àite cudromach a th' ann do luchd-coiseachd gus an oidhche a chosg an sin. Mar sin tha taighean-òsta agus ostail òigridh ann.

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Dh'fhàs am baile gu luath tràth san 19mh linn nuair a thòisich an Noth British Aluminium Company pròiseact mòr. Bha iad airson an àite a chleachdadh air sgàth 's gur e am baile as fliuch ann am Breatainn a th' ann. Thog iad balla-casg os cionn na baile. a tha gus an latha an-diugh a' casg an seann Uisge Dubh, a' cruthachadh am Black Water Reservoir. Chleachd iad am balla sin gus cumhachd-uisge a chruthachadh airson leaghadair-almain (aluminium smelter) obrachadh.

Dh'fhàs a' choimhearsnachd gu luath agus aig amannan bha 800 duine ag obair aig an leaghadair-amlain, agus chuir sin fàs mòr dhan eaconamachd Loch Abair fad cha mhòr ceud bliadhna. Ann an 1994 bha fios aig a' chompanaidh Alcan Smelting and Power (UK) Ltd gun robh aca ri dùnadh air sgàth 's gun robh an teicneòlas seann-fhasanta agus a cùisean eaconamach ag atharrachadh air feadh an t-saoghail. Dhùin e anns a' bhliadhna 2000 agus bha droch bhuaidh aig sin air a' choimhearsnachd. [3]

An-diugh tha cuideam gnìomhachas a' bhaile air turasachd agus cur-seachadan taobh a-muigh. Tha an West Highland Way a' leantainn tron bhaile, agus do mhòran duine 's e sin an stad mu dheireadh mus cur iad an coiseachd gu crìch anns a' Ghearasdan. Tha pròiseactan leasachaidh seasmhachd na h-àrainneachd agus na coimhearsnachd nam prìomh amasan Ceann Loch Lìobhann an-diugh. Ann an 2004 chaidh ionad-sreip (Ice Factor) a thogail, a tha a' tarraing luchd-turais dhan bhaile as t-samhradh agus sa gheamhradh.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Mid-2004 Population Estimates for Settlements in Scotland
  3. Làrach-lìn Urras Coimhearsnachd Ceann Loch Lìobhann

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 188 618