Cathair (Siorrachd Dhùn Phrìs)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cathair
Courthill Smithy, Keir Mill.jpg
Mapa dg cathair.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 13′ 08″ Tuath
03° 47′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12.3 km²
Àireamh-shluaigh 320 (2001)
Dlùths 26.02/km²
Àireamh fòn 01848

‘S e baile beag dùthchasail agus parraist faisg air Bàrr na Dris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann Cathair neo Muileann na Cathrach. Tha e suidhichte fad 12.3km²,[1] aig 40m os cionn ìre na mara,[2] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975),ri taobh na na h-aibhnichean Scaur[3] agus Nid, eadar Am Mòine Naomh agus Cill Osbairn. Tha e 240km air falbh bho Obar Dheathain, 77km bho Ghlaschu, 20km bhon Dùn Phrìs agus 91km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha mu 320[5] duine a' fuireach an seo agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Chathair, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[6] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus Turasachd. A bharrachd air sin, tha muileann sàbhaidh[7] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann, is e sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am Penpont[8] agus dhan àrd sgoil ann am Bàrr na Dris.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh tùr dìonadach a thogail an seo aig deireadh na 16mh Linne, air a bheil Tùr Bàrr Dearg.[9] Thoisich gnothach a' mhuilinn an seo ann an 1771, leis nach bu ghann uisge agus fiodh sa sgìre.[10] Thogadh eaglais anns a' Chathair ann an 1814 agus leasachadh ann an 1880 i.[11] Dhùnadh an eaglais ann an 1998. Tha Cathair am broinn pharaiste Phenpont. Chaidh tuagh ro-eachdraidheil a lorg an seo ann an 1888,[12] a tha a-nis ri fhaicinn san taigh-tasgaidh ann an Dùn Phrìs. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair triùir às a' pharraist bàs san Dàrna Cogadh.[13]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scottish Places
  2. Elevation Map
  3. Visions
  4. Distances From - To
  5. A' Chomhairle
  6. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  7. Carronbridge Sawmill
  8. A' Chomhairle
  9. Canmore
  10. Canmore
  11. Buildings at Risk
  12. Canmore
  13. Scottish War Memorials Project
  14. Nothing to see here