Carn Tóchair

O Uicipeid

'S e iomairt a th' ann an Carn Tóchair gus Gàidhlig na h-Èireann ath-stèidheachadh mar chànan na coimhearsnachd mun chuairt air Machaire Rátha (Maghera) ann an Contae Dhoire ann an Èirinn-a-Tuath. Cha robh Machaire Rátha na Gaidhealtachd oifigeil a-riamh agus is coltach gun do bhàsaich na fileantaich mu dheireadh anns an sgìre mu mheadhan na ficheadamh linne. Chuir an luchd-iomairt air Comataidh-leasachaidh Charn Tóchair an t-amas romhpa gun toireadh iad Gàidhlig na h-Èireann air ais mar chànan na coimhearsnachd taobh a-staigh dà ghinealach.

Thòisich an iomairt le naíscoil (sgoil-àraich) ann an 1991, agus a-nis tha dà naíscoil aca agus aonad anns a' bhun-sgoil a tha a' sìor dhol am meud. Thog iad ionad coimhearsnachd, An Carn, agus cumaidh iad clasaichean Gàidhlig na h-Èireann ann. Tha bùth agus oifis a' phuist anns a' Charn agus ionadan gnìomhachais ri a thaobh. Thog iad taigheadas sòisealta faisg air a' Charn cuideachd.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Làrach-lìn Charn Tóchair