Canonbie

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Canonbie
Canonbie - geograph.org.uk - 284290.jpg
Mapa dg canonbie.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 04′ 40″ Tuath
02° 57′ 07″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 390 (2001)
Àireamh fòn 013873
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail air iomall na crìochan le Sasainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Canonbie neo Canobie o shean. Tha e suidhichte aig 52m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Greatna agus Langaim, ri taobh na h-Aibhne Easg.[2] Tha e 236km air falbh bho Obar Dheathain, 118km bho Ghlaschu, 32km bho Dhùn Phrìs agus 99km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 390[4] duine a' fuireach an seo agus 's e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Canonbie. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsta,[5] talla a' bhaile, agus bùth an seo. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Langaim.

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Chaidh daingneach a chur air bhog ri linn nan Ròmanach. Thogadh mainistir beag an seo ri linn Righ Daibhidh I le taic bhon thighearna Turgis de Rosdale agus dhùnadh ann an 1606 e.[7] Fhuair am baile ainm bho na clèirich a bha nan tàmh an seo. Bha am baile ann am meadhan fearainn na deasbaireachd, far an robh Alba agus Sasainn a' sabaid air na crìochan aca fad iomadach linn, agus bha an suidheachadh gu math doirbh. Thug An t-Iarla Thomas Wharton ionnsaigh a' mhainistir an dèidh Cath na Mòine Shalmhaigh, ann an 1542.[8] Sgrìobh Walter Scott luaidh, air an robh "The Young Lochinvar", mu dheidhinn a' bhaile is na h-aibhne ann an 1808,[9] a thug deagh chliù dhan sgìre. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair 46 duine à Canonbie bàs sa Chogadh Mòr.[10]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Elevation Map
  2. SEPA
  3. Distance Calculator
  4. EVI
  5. Trip Advisor
  6. Canonbie Primary
  7. Watt, D.E.R. & Shead, N.F. (Deasaichean), The Heads of Religious Houses in Scotland from the 12th to the 16th Centuries, The Scottish Records Society, New Series, Dreach 24, (Dùn Èideann, 2001), duilleagan 28–9
  8. Cameron, Jamie, James V, The Personal Rule, Tuckwell (1998)
  9. University of Michigan
  10. Scottish War Memorials Project