Cùil Lodair
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Cùil Lodair (Beurla: Culloden). [1] Tha am baile suidhichte mu 3 mìltean air àird an ear Inbhir Nis. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 29′ 22.99″ Tuath agus 4° 8′ 7.15″ Iar.
Anns a' bhliadhna 2001 bha 4,064 duine a' fuireach an seo. [2] Tha Sgìre Chùil Lodair a' gabhail a-steach trì coimhearsnachdan eile: Balloch, Smithton agus Westhill.
Bho thùs bha taighean fearann (estate houses) ann a chaidh a thogail timcheall air Culloden House a tha na taigh-òsta a-nis. Cleachdar na seann stàballan mar taighean air mhàl an-diugh airson daoine a tha air saor-làithean. Cleachdar an seann sabhal ris an canar tithe barn mar eaglais an-diugh. Tha an eaglais aig Eaglais na h-Alba.
Tha Dhruim Athaisidh (Drummossie Moor) mu thrì mìltean air àird a deas Chùil Lodair. 'S e sin an t-àite far an do thachair Blàr Chùil Lodair. Tha cath-làrach Chùil Lodair fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba agus tha an ionad-fiosrachaidh a’ tarraing mòran luchd turas gach bliadhna. Chaidh ionad eadar-oibreachadh ùr a dh’fhosgladh 16 an Giblean 2008.
Timcheall air a’ chath-làrach tha tobraichean ann. Tha an "clootie well" anns na coilltean Chùil Lodair agus tè eile faisg air Munlochy. Mu mhìle deas air a' chath-làrach tha Càrn Chlabhalag (Cairns of Clava) ann.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 35, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH7201746374