Còiseam

O Uicipeid
Còiseam Mòr, Impire Romannach

'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Còiseam. [1][2] 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Mar is trice thèid Còiseam eadar-theangachadh gu Beurla mar Constantine[1] ged nach eil ceangal ann a thaobh freumh-fhaclachd. Nochdaidh e ann an iomadh cànan, mar Cystennin ann an Cuimris no Constantino ann an Eadailtis. [3].

Bunachas[deasaich | deasaich an tùs]

Còiseam mac Choinnich - Causantín mac Cináeda, Rìgh na h-Alba

Tha dà fhreumh aig an ainm seo. Air an dàrna làimh 's e ainm Eòrpach a th' ann a thàinig bho thùs bhon ainm Laidinneach "Constantinus", meanbh-ainm bhon dà chuid Constans agus Constantius. Tha iad a' ciallachadh "cunbhalach, seasmhach". Nochd e ann an Laideann mar Cōnstantīnus agus ann an Greugais mar Κωνσταντῖνος (Kōnstantînos). Dh'fhàs an t-ainm cumanta leis na h-Impirean Romannach, m.e.: Constantine I.

Air an làimh eile chuireadh an t-ainm Constantine mar chruth na Beurla ri trì rìghrean Albannach, is dòcha gun robh ceangal ann a thaobh fuaimneachadh tron ainm Conn.[2]

Cruthan eile[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir Mhic an Tàilleir tha cruthan eile ann airson an ainm Constantine: Cusadain agus Cusaintin.[4].

Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Còiseam"[deasaich | deasaich an tùs]

ann an ainmean-àite[deasaich | deasaich an tùs]

  • Constantinople, seann ainm airson Istanbul

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 Akerbeltz:: “Ainmean”. Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.
  2. 2.0 2.1 Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.70; ISBN 0-19-860764-4
  3. Behind the name - CONSTANTINE
  4. Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx). d.14