Càrdamon

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cardamom
Elettaria cardamomum - Köhler–s Medizinal-Pflanzen-057.jpg
Càrdamom (Elettaria cardamomum)
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Còmhlan Angiosperms
Buidheann Monocots
Òrdugh Zingiberales
Teaghlach Zingiberaceae
Gnè Amomum
Elettaria

Canar Càrdamon ri cuid de na lusan den ghnè Elettaria agus Amomum. Tha iad anns an teaghlach Zingiberaceae, far a bheil dinnsear is curcuma ann cuideachd.

Cleachdar càrdamon mar spìosradh ann am biadh is deoch, gu h-àraidh ann am biadh Àisianach is Arabach. Tha e na phàirt den "Masala", spìosradh cudromach do bhiadh Innseanach. Anns an Roinn Eòrpa bidh na bèicearan ga chur ri Lebkuchen agus Spekulatius.

Thàinig an t-ainm cardamom bhon fhacal Laideann "cardamomum",[1] a thàinig bho Ghreugais "καρδάμωμον" (kardamomon).[2]

Gnè[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dà ghnè cudromach ann:

Chithear diofar eadar an dà sheòrsa anns na maingeagan, tha an fheadhainn den ghnè Elettaria uaine, ach maingeagan Amomum nas motha agus donn.

Thèid Amomum a chleachdadh ann an leigheas tradaiseanta Sìonach.

Càrdamon uaine (clì) is donn (deas)


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. cardamomum, Charlton T. Lewis, Charles Short, Faclair Laideann, air Perseus Digital Library
  2. καρδάμωμον, Henry George Liddell, Robert Scott, Faclair Greugais-Beurla, air Perseus Digital Library