Brian MacUilleim

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Rugadh Brian MacUilleim air 13 an Dùbhlachd 1948 ann an Dùn Òmhain, Còmhall. Bha e na bhall pàrlamaid Làborach bho 1987 mun 2005, agus coimhlion e oifig ministear na stàit bho 1997 gu 2003 (An Oifig Albannach 1997–1998, Roinn Malairt agus Gnìomhachas (RMG) 1998–1999, Scottish Office 1999–2001, Oifig nan Tír Cein 2001 agus Ministear airson Neart, RMG [2001–2003). Air a sheasamh sìos bho oifig mhinistear na ullachadh a chuir cùl ri pàrlamaid, dh'iarr Tony Blair air a bhi Riochdaire Sònraichte a Phrìomhaire air Malairt Thar-chuain.

Dh'fhuair e foghlum oilthigh aig Dùn Dè. Thoisich a shas an poiliteagas nuair a bha e 'san oilthigh- aig tùs am Pàrtaidh Nàiseantach na h-Alba ach iompaich e ri Pàrtaidh nan Obraich an 1971. On chuir e cùl ri pàrtaidh nan nàiseantaich tha e air a bhi na nàmhaid fiach gan aghaidh. Ach airson a nàmhaid ri cùise nan nàiseantaich tha e air a nochdadh seasamh prionnsabalaichte fad iomadh bliadhna, ri poiliteagas an sgeith clì, ri coireachan nan Gaidheal agus ri còirichean coimhearsnachd na croitearachd. B' esan a chiad ministear riamh ann an Oifig na h-Alba le dleasdanas ainmichte airson math na Gàidhlig.

B' esan na chiad neach-deasachaidh don West Highland Free Press, pàipear ionadail Sgitheanach a stèidhich e còmhla le trì caraidean oilthigh. Na shaoghal poiliteagachd, sheas e airson roinnean pàrlamaid Gaidhealach da thrip : An aghaidh Dòmhnall Stiùbhart 's na h-Eileanan Siar agus an aghaidh Tearlach Ceannadach ann an Rois is Crombaidh. Aig a cheann thall chaidh a thaghadh ann an 1987 a riochd muinntir Cunninghame North, riochdas ann an Siorramachd Lannraig. Dh'fhàg e pàrlamaid ann an 2005, nuair a chaidh a riochdas a-mach a bhith an lùib atharrachaidhean ranntaireachd. Tha e pòsda aig a' bhan-naidheachd Joni Bochanan.