Brabhsair-lìn
'S e bathar-bog a tha ann am brabhsair-lìn a bheir cothrom dhut rudan a lorg 's fhaicinn air an eadar-lìon. Ged a bhios daoine 'gan cleachdadh gus an t-eadar-lìon a bhrabhsadh, gabhaibh an cleachdadh cuideachd gus eadra-lìontan a bhrabhsadh.
Susbaint |
[deasaich] Eachdraidh
Nochd na ciad bhrabhsairean-lìon anns na 1980an agus 's e Netscape aon dhe na brabhsairean as sine a tha ann fhathast.
[deasaich] Co-fharpais nam brabhsair
Tha iomadh brabhsair ann agus tha co-fharpais mhòr ann eatarra. Tha an roinn as motha aig 5 dhiubh an-diugh: Internet Explorer, Firefox, Google Chrome, Safari agus Opera.
[deasaich] Brabhsairean agus a' Ghàidhlig
Tha dà bhrabhsair ri fhaighinn sa Ghàidhlig an-dràsta fhèin 's pròiseactan eadar-theangachaidh leis a' choimhearnsachd aca: Mozilla Firefox agus Opera.
'S e Opera a' chiad bhrabhsair a bha ri fhaighinn sa Ghàidhlig, eadar tionndadh 5.12 a chaidh a sgaoileadh ann an 2000 gu 6.06 ann an 2001. Bha beàrn ann an uair sin far nach robh brabhsair sam bith ri fhaighinn nach robh a thionndadh air dheireadh chàch. Thàinig tionndadh Gàidhlig de Firefox 3.6 a-mach an uairsin ann an 2010 agus gu goirid 'na dhèidh tionndadh ùraichte de dh'Opera 11 agus Firefox 4.0 22 dhen Mhàrt 2011.