Bonn (a' Ghearmailt)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bonn
Flagge der kreisfreien Stadt Bonn.svg Wappen-stadt-bonn.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Bonn LangerEugen Posttower.jpg
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Nordrhein-Westfalen
Sgìre Rheinland
Co-chomharran 50° 44’ Tuath
7° 6’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 141.22 km²
Àireamh-shluaigh 314,299 (2006)
Dlùths 2,225.6/km²
Àireamh fòn +49 228
Duilleag oifigeil www.bonn.de

Tha Bonn na laighe mu 20 cilemeatair deas air Köln ann an Nordrhein-Westfalen air bruach abhainn Rhein. Eadar 1949 agus 1990 bha Bonn na phrìomh-bhaile na Gearmailt an Iar. B’ e cathair oifigeil riaghaltas na Gearmailt a bha ann gu 1998, gus an do dh’imrich an riaghaltas a Bherlin ann an 1999. An uair sin thàinig mòran chompanaidhean agus ionadhan eadar-nàiseanta dhan bhaile, m.e.: IUCN Environmental Law Center agus 12 ionadh eile de na Dùthchannan Aonaichte.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 11 RC, nuair a bha saighdearan Ròmanach a’ campadh air bruach na h-aibhne. Thàinig an t-ainm Bonn bho Bonna[1], facal Ceilteach a tha a' ciallachadh "grunnd tioram" (Dry grounds).

S’ e àite-breith Ludwig van Beethoven, neach-ciùil anmeil, a tha ann am Bonn. An diugh tha taigh-tasgaidh ann, far an do rughadh e.

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Thog na seann Ròmanaich drochaid air an Rhein mu 10 RC faisg air àite ris an canadh Bonna.[2] Thathar dhen bheachd gur e tuineachadh nan Ceilteach a bh’ ann ro làimh is gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh baile sa chànan aca. Chaidh daingeach Ròmanach a chruthachadh airson mu 7,000 saighdear a chumail an seo ann an 9,[3] an dèidh Cath Choille Theutoburg. Dh’ fhàs baile mu thimcheall an daingich air an robh Castra Bonnensia (Caisteal Bhonn anns an Laideann, is ‘s e àite cudromach dìona air crìoch na h-ìompaireachd a bh’ ann.[4]

‘S e làrach cràbhach ri linn Iompaireachd Theàrlaich Mhòir a bha ann am Bonn. Bha am baile am broinn nan sgìrean a bha fo bhuaidh nan easbaig-prionnsa-taghadair à Köln bhon 8mh Linn gu ruige deireadh na 13mh Linn is bha iad a’ fuireach an seo cuideachd. Mar dhìleab nan làithean spaideil sin, tha am baile làn toglaichean ann an stoidhle baroc,[5] mar eisimpleir oifisean an Oilthigh agus Lùchairt Phoppelsdorf, a bharrachd air taighean mòra bho dheireadh na 19mh Linn agus feadhainn eile ann an stoidhle art nouveau. Cha b’urrainn dhan Ath-Leasachadh càil a dheànamh an seo leis cho làidir ‘s a bha an Eaglais Chaitligeach ann am Bonn.[6] Bha athair Ludwig van Beethoven (17701827) na òrganaiche fon phrionnsa-taghadair mu dheireadh ann am Bonn. [7] Anns an 19mh Linn, an dèidh mì-bhuaidh Napoléon,[8] ghabh Rìoghachd na Prùise sealbh air Bonn. [9]

Ghabh saighdearan à Canada, Sasainn agus às An Fhraing sealbh air Bonn an dèidh a chèile bho chrìoch a’ Chogaidh Mhòir gu ruige 1926. [10] Ri linn an Dàrna Cogaidh bha mu 1,000 duine, gu h-àraid Iùdhaich, nan ìobairtean nan Nàsach. Chaidh 8,000 eile a thoirt air falbh gu campaichean-bàis neo a sgapadh thall thairis. Ann an 1945 b' iad na Sasannaich a ghabh sealbh air a’ bhaile.

Chaidh Bonn a thaghadh mar phrìomh-bhaile ùr na dùthcha (an àite Frankfurt) an dèidh a’ chogaidh, oir chaidh an dùthaich a sgaradh ann an dà stàit is bha Berlin air a mhilleadh. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile Poblachd Feadarail na Gearmailte bho 1949 gu ruige 1990, nuair a thaghadh Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist, mar thoradh Aonadh na Gearmailte. Chaidh pàrlamaid na Gearmailt agus pàirten den Riaghaltas a ghluasad air ais a Bherlin ann an 1999.[11]

A dh’aindeoin nach e prìomh-bhaile na dùthcha a th’ ann am Bonn nas motha, tha am baile air blas polataigeach dioplòmasach a chumail fhathast. Thathar a’ cumail gnothaichean na NA ann am Bonn, chaidh Comhairle na Roinn Eòrpa a chumail an seo ann an 1999 fad cinneas na Gearmailte air an Roinn Eòrpa. A bharrachd air sin, thachair trì co-labhairtean cudromach ann am Bonn taobh càirdeis pholataigich agus marsanta còmhla ri An t-Seapan, Canada agus na Stàitean Aonaichte.

Daoine Ainmeil[deasaich | edit source]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Gallaraidh[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Stefan Zimmer: Die Kelten, Mythos und Wirklichkeit, duilleag 205, Theiss Verlag ISBN 3-8062-1908-7
  2. Livius
  3. Tribus Bonn
  4. Deutche Welle
  5. Larocheusa
  6. World 66
  7. Alemania
  8. World66
  9. BB German
  10. Pathé
  11. Buzer
  12. Stadt Potsdam
  13. Riaghaltas Iosrael