Blackwater Reservoir

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Black Water Reservoir)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An dam dhen Blackwater Reservoir

'S e stòr-amar anns na beanntan os cionn Ceann Loch Lìobhann ann an Loch Abar a th' anns an Blackwater Reservoir. Tha an dam aige 914m de dh'fhaide agus le sin 's e an dam as fhaide a th' ann air a' Ghàidhealtachd. Tha e 27m de dh'àirde agus tha e suidhichte air a' mhòinteach gharbh 305m a dh'àirde. 'S e aon de na h-àiteachan as fliuch ann am Breatainn leis an uisge anns air a' mhòinteach agus a' tighinn bhon mhuir.

Chaidh an dam a thogail aig eadar 1905 agus 1909 linn mar sgeama cumhachd-uisge a chleachd am British Aluminium Company (cuideachd Alcan) gus alman a leaghadh ann an Ceann Loch Lìobhann. Aig an àm sin b' e an dam a bu mhotha na Roinn Eòrpa a bh' ann.[1] Chaidh a chruthachadh le Patrick agus Charles Maik agus tha e a' casg uisge bhon Uisge Dhubh is bho Lochan a' Chlaidheimh. Tha 6km de dh'fheadain-uisge cruadhtain agus 13km de pìoban-uisge stàillinn a' ceangal an loch leis an fhactaraidh. Chaidh an dam a thogail le neart-làimhe agus innealan làimhe agus air sgàth na h-obrach cruaidhe agus suidheachadh cunnartach chaill mòran luchd-obrach am beatha. Tha cladh aca fhèin ri taobh an dama. Dhùin an leaghadair-almain ann an 1998, ach tha dealan ga chruthachadh fhathast bhon chumhachd-uisge airson na sgìre agus an leaghadair-almain anns a' Ghearasdan.

Tuilleadh Leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacGill, Patrick (Chiad Fhoillseachadh 1914) Children of the Dead End. Fèin-eachdraidh neach-obrach Èireannach air balla-casg a' Bhlackwater Reservoir. Foillseachadh ùr (2005) Birlinn ISBN 1841580007

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Gazetteer of Scotland

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 240 605 (56° 41′ 55.87″ Tuath, 4° 46′ 37.18″ Iar)