Blàr Dhùn Chaillinn

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, search
Cathair Dhùn Chaillinn, far an do rinneadh sabaid fuilteach air 21mh Lunasdal 1689
Cathair Dhùn Chaillinn, far an do rinneadh sabaid fuilteach air 21mh Lunasdal 1689

Air 21mh Lunasdal 1689 thug reiseamaid Gallta nan Cameronians, a bha a' seasamh chòirichean Rìgh Uilleim, buaidh air na h-ionnsaighean a rinneadh le na Seumasaich air a' bhaile, agus chaidh ruaig callmhor a chuir air na fineachan Gàidhealach.

Clàr-innse

[deasaich] Na lean chun a' bhlàir

Ann an ar-a-mach nan Seumasach, 1689-90, bha na Seumasaich às dèidh buaidh a thoirt aig Cath Raon Ruairidh, Coille Chnagaidh, air an 27mh latha dhen iuchar 1689. Ach ged bu bhuaidh-làrach e, chaill iad an ceannard buadhmhor Iain Greumach Chlaverhouse, no Claibhears. Bha iad a-nise fo chommand oifigich Èireannaich an Còirneal Cannon. Bha esan fada gun gluasad a dhèanamh, ach air meadhan an Lunasdal 1689 rinn 5,000 fear-cinnidh Gàidhealach adbhanns deas a dh'ionnsaigh Dhùn Chaillinn.

[deasaich] Dùn Chailleann na bhaile-daingneach

Bha am baile air a dhìon le rèisimeid Iarla Aonghais, a bha air ùr-chruthachadh air Galltachd na h-Alba; bha a' chuid nach bu bheag dheth de luchd-leantainn Ridseard Chamshroin, covenanter a rugadh am Fìobha agus a chaidh a mharbhadh le feachdan Theàrlaich II an 1680. Rè ùine, chaidh an t-ainm Cameronians a bhuileachadh orra, mar chuimhneachan airsan; cha robh buinteanas aig an rèisimeid seo do Chlann Chamshron, a bha a' sabaid air taobh nan Seumasach. Bha na Cameronians fo chommand Uilleim Chlelland, cùmhnantach iomraiteach a rugadh an Dubhghlas, Siorramachd Lannraig. A chionn 's nach robh balla-dìon a' cuairteachadh a' bhaile, rinn na saighdearan gallta daingneach dhe mheadhan a' bhaile mu thimcheall na h-eaglaise.

[deasaich] An sabaid

Chaidh ionnsaidh a thoirt air a' bhaile le na fineachan Gàidhealach tràth sa mhadainn air an 21mh. Às dèidh ceithir uairean a thìde de shabaid guineach fuileachdach am measg thaighean is sràidean a' bhaile, fhuaradh làmh-an-uachdair le na saighdearan gallta (ged a chaidh an ceannard-feachd Clelland a mharbhadh) agus rinn na Seumasaich an ratreut tuath. Bha iad air 300 fear a chall ann an sabaid a leithid ris nach robh iad cleachdte.

[deasaich] A bhuil

  • Chaidh arm nan Seumasach a bhristeadh aig Dùn Chailleann; cha do rinneadh ionnsaigh eile leotha san ar-a-mach. Agus air a' chiad latha dhen a' chèitein 1690, chaidh na bha air fhàgail dhiubh a ruagadh aig Blàr Chromdàil, Srath Spè.
  • Ach bha buil nas leantainnich aig Blàr Dhùn Chaillinn. Lethcheud bliadhna às dèidh a' Chùmhnant Nàiseanta, bha an creud pròstanach agus an eaglais clèireach a-nise tèarainte mar chreideamh na dùthcha.
Innealan pearsanta
Cainntean eile