Blàr Allt a' Bhonnaich

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Blàr Allt a' Bhonnaich
Battle from Holkham Bible.jpg
Dealbh a' bhlàir bhon Holkham Bible (1327-35)
Ceann-latha 23 an t-Ògmhios24 an t-Ògmhios, 1314
Àite Allt a' Bhonnaich, deas air Sruighlea
Buil Bhuannaich na h-Albannaich
Luchd-cogaidh
Alba Sasainn
Cinn-fheachda
Raibeart Brus Eideard II
Neart
mu 6,500 nas motha na 20,000
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
gun fhios, ach cha robh mòran 700 de mharc-shluagh is mu 11,000+ saighdear cumanta

B' e seo blàr a chuireadh faisg air Sruighlea aig Allt a' Bhonnaich eadar arm Albannach fo stiùir Rìgh Raibeart Brus agus arm Sasannach le Rìgh Eideard II air a cheann, ann an 1314. Bhuannaich na h-Albannaich, agus shocraich Blàr Allt a' Bhonnaich na Cogaidhean neo-eisimealachd na h-Alba na thòisich aig deireadh 13mh linn.

Toradh a' Bhlàir[deasaich | edit source]

Bha cumhachd Shasainn cho mòr air a briseadh an dèidh a' bhlàir 's nach b' urrainn dhi na b' fhaide feachd de eachraidh 's de choisichean armaichte a thaomadh a-nall air Alba a-rithist. Leis a' bhuaidh seo, bha làn shaorsa air a cosnadh, ged a lean an còmhrag ri Sasann ri linn Eideird, agus ann an dàrna bliadhna de rioghachadh Eideard III, chaidh an t-sìth a nasgadh ri Alba, leis an do dh' aidich rìgh Shasainn gun robh Alba saor bho siud a-mach gu bràth bho thighearnas sam bith a bhith aig rìghrean Shasainn thairis oirre. Gus an t-sìth seo a dhèanamh na bu treise dh' aontaich Eideard gum biodh Ioanna, a phiuthar, air a pòsadh ri Dàibhidh, mac agus oighre rìgh Alba. Rinneadh an còrdadh seo sa bhliadhna 1328.

Comharran sònraichte a' bhlàir[deasaich | edit source]

  • Aig an àm, bha Èirinn, mòran den Fhraing, a thuilleadh air Sasann fo thighearnas rìgh Shasainn.
  • Mar sin, ro àm a' bhlàir, b' e Caisteal Sruighlea an daingneach a bu chudromaiche a bha nis aig na Sasannaich ann an Alba. Nuair a chunnaic 's a chuala àrd-mhaithean Shasainn mar a bha an gnothach, thug iad taic don rìgh gus am falbhadh e fhèin do Alba air cheann armailt cho lìonmhor 's a b' urrainn dha thogail. Chaidh saighdearan Sasannach, Èireannach, Cuimreach 's fiù na h-Albannaich na bha an aghaidh Bruis fhathast a thogail còrr is 20,000 fear, eadar choisichean is eile, 's thriall an rìgh fhèin a-nall do Alba air an ceann.
  • Bha fios aig gach inbhe shluaigh air a' Ghàidhealtachd cho math 's air a' Ghalltachd, dè ris am faodadh sùil a bhith aca nam faigheadh rìgh Shasainn cothrom ruith mar thuil thairis air an tìr a-rithist. Chan eil iomradh air gu robh uiread riamh roimhe de na Gàidheil an aon bhlàir còmhla ris na Goill, 's a bh' ann latha Allt a' Bhonnaich.
  • A rèir Seanalair Stiùbhairt bha ochd cinn-fheadhna dheug seo a leanas an làthair an latha ud: an Camshrònach, an Caimbeulach, am Frisealach, an Granndach, MacAoidh, MacCoinnich, MacCuaraidh, MacGillEathain, MacGriogair, MacPhàrlain, Mac a' Phearsain, Mac an Tòisich, am Mengiseach, an Robasdanach, an Rosach, an Rothach, an Sincleireach agus an Sutharlanach. A rèir Seanalair Christison tha na Dòmhnallaich, na Gòrdanaich, na Gunnaich agus na Siosalaich ag agairt gun robh na cinnidhean ann cuideachd.
  • Tha e soilleir gu robh na Gàidheil a' dèanamh suas roinn nach bu bheag de armailt na rìoghachd an latha ud. A dh' aindeoin gach tional a bh' ann, a tuath is deas, cha bu mhotha na eadar 5,0000 is 6,000 saighdear a fhuair an rìgh chun na h-àraich. Bha seo beagan na bu mhotha na an ceathramh cuid den fheachd Shasannach. Bha na Sasannaich air an armachadh fada na b' fheàrr cuideachd, agus bha na fir-bogha Cuimreach annns an airm air an ionnsachadh gu foirfeachd ann an cleachdadh an cuid fhèin de eòlas arm.

Innleachd is ullachadh[deasaich | edit source]

Threòraich Raibeart Brus an t-arm sìos do chòmhnard a tha faisg air Sruighlea ris an abrar a' Phàirc. 'S ann dlùth don Phàirc sin agus air grunnd na b'ìsle a dh'fheumadh an t-arm Sasannach gabhail seachad tro bhoglaich is shruthan uisge. Bha mar seo roghainn làraich aig na h-Albannaich.

Cha b' urrainn dha na Sasannaich Sruighlea a ràining bhon àirde an ear, far an robh an talamh ro bhog, no bhon àirde an iar, far an robh coille dhùmhaill. A bharrachd air sin, leag na h-Albannaich rè na h-ùine a bha iad a' campachadh ann craobhan air slighean anns a' choille agus chladh iad àireamh mòr shlochd anns an talamh chòmhnard; chuir iad breug-riochd de bharrach is feur air na slochdan.

Bha ceann a deas an airm a' ruigsinn gu bruachan Allt a' Bhonnaich agus bha an t-airm na laighe air gach taobh rathaid shean Ròmanaich a b' e aon de an dà slighean a b' urrainn dhan eachraidh Sasannaich a chleachdadh. Bha àireamh mòr sheirbhiseach, gillean cartach, co-chàirdean 's a leithid sin, aig nach robh airm mar bu chòir, agus fir le airm, ach na thàining ro fhadalach airson trènadh, a' leantainn a' chaimp. Dh'òrdaich am Brusach an dream sin uile air falbh gu gleann air cùlaibh a' chnuic, ris an abrar "Cnoc nan gillean" bhon latha sin, a tha ri ear-thuath air àite na h-armailt.

An dèidh sin, chaidh an t-airm a roinn mar seo: an tùs-feachda, fo Thòmas Randolph, na b' fhaide mu thuath faisg air Cille Naomh Ninean; roinnean fo Sheumas Dùghlas agus Eideard Brus gu a làimh cheart ri taobh an rathaid Ròmanaich; agus an roinn fo Raibeart Brus fhèin agus an eachraidh fo Robert Keith, an t-Iarla Marasgal, mar chùl-chuideachd, na bu doimhne anns a' choille.

A' chiad latha den bhlàr[deasaich | edit source]

Air feasgar 23 an t-Iuchair dhlùthaich an t-arm Sasannach riutha. Dh'fhuasgail iad gun toir an tùs-feachda fo Iarla Gloucester agus Iarla Hereford aghaidh air na h-Albannaich taobh an rathaid Ròmanaich, agus gum marcaich aig an aon àm 600 ridirean fo Ridire Robert Clifford agus Ridire Henry Beaumont du ruigsinn na h-Albannaich bho an cùl, far an robh dùil aig na Sasannaich gum biodh an t-airm Albannach a' teicheadh.

Chunnaic fear de mharcaichean a' thùs-feachda, Henry de Bohun, rìgh Raibeart le còran òir air a chlogaid agus a' giùlan tuagh-chatha stàilinn na làimh. Chaidh e air adhart a' Bhrusaich leis a shleagh, ach nuair a bha e gu bhith aige, mharbh am Brusach e le beum a thuagh-chatha cho làidir 's a deach an tuagh tron chlogaid 's tron chlaigeann aig de Bohun, a thuit marbh às a dhiollaid. As dèidh sin chuir an roinn fon rìgh aghaidh air an tùs-feachda Sasannach. Oir bha duilgheadasan gu leòr aig na marcaichean mu thràth air sgàth na slochdan falaichte, thug iad teicheadh.

An uair sin mhothaich am Brusach don bhuidheann aig Clifford is Beaumont, agus chuir e a-mach an roinn Thòmais Randolph nan aghaidh. Chuir Randolph na daoine aige ann an schiltron (cearcall de shleaghadairean leis na sleaghan aca air an cur a-mach às a' chearcall) faisg air Cille Naomh Ninean. Ged a chuartaich na marcaichean Sasannaich iad agus ged a bha iad a' toirt aghaidh orra bho gach taobh, chùm na saighdearan aig Randolph riutha, agus nuair a ghluais iad air adhart chun buidheann nam marcaichean gus an roinn, theich na Sasannaich.

An dàrna latha den bhlàr[deasaich | edit source]

Gus uisge a thoirt chun nan each aca agus gus campachadh ann an àite às am faodadh iad aghaidh a chur air an airm Albannach air talamh fosgailte sa' mhadainn, chaidh an eachraidh Sasannach tarsainn air All a' Bhonnaich. Ge-tà, nuair a chunnaic am Brusach anns a' mhadainn de 24 an t-Iuchar gun robh an eachraidh air a cuartachadh air trì taobhan leis an allt 's an leas-abhainn aige, agus a' choisridh air air an taobh eile den uisge, dh'fhuasgail esan aghaidh a chur orrasan.

Chaidh an roinn aig Eideard Brus an toiseach, le Allt a' Bhonnaich air a làimh cheart; an roinn aig Seumas Dùghlas air a làimh cheàrr agus beagan air a chùlaibh; agus beagan air cùlaibh agus air làimh cheart roinn Dhùghlais an roinn aig Thomas Randolph, le Pelstream (leas-abhainn na h-uillt) air a làimh chlì. Cha b' urrainn do na marcaich gluasad mar bu chòir anns an àite stainnte agus mar sin cha robh an tairbhe gnàthach aca air saighdearan-coise Albannach. A bharrachd air sin, cha b' urrainn do na fir-bogha Sasannach losgadh chun na h-Albannaich gun chunnart gum marbhadh iad na marcaichean aca fhèin; agus nuair a chaidh na iad gu cliathach a' bhlàir, ruaig an eachraidh Albannach fo Robert Keith iad.

As dèidh ùine, thòisich an eachraidh Sasannach ri lagachad. Nuair a chunnaic am Brusach sin, chuir e càch na saighdearan aige fo Aonghas MacDhòmhnaill chun a' bhlàir. Thuig Iarla Pembroke agus Ridire Giles D'Argentan gun robh am blàr air chall agus chuir iad ìmpidh air Eideard II falbh gus am beatha aige a shàbhaladh. Chaidh na h-Albannaich na bha air cùlaibh Chnuic nan Gillean air adhart an uair sin. Nuair a chunnaic a' choisridh Albannach iad, bha iad a' smaoineachadh gur e arm eile aig a' Bhrusach a bha annta, agus leis na fir-bogha a' tilleadh agus a' bhratach rìogail Shasannach a' fàgail a' bhlàir, ghabh iad eagal agus theich iad le maoim.

Teicheadh Eidird II[deasaich | edit source]

Dhiùlt Ridire Philip Mowbray, fear-gleidhidh Chaisteil Shruighlea, an rìgh Sasannach a leig a-steach don chaisteal, on a bhiodh aige an dèidh a' bhlàir ris a' chaisteal a ghèilleadh agus bhiodh an rìgh na phrìosanach. Mar sin, thionndaidh Eideard II le mu 500 marcaichean aige gu deas, agus Seumas Dùghlas gan ruagadh le 60 marcaichean aige fhèin. Rug iad na Sasannaich seachad air Gleann Iucha, agus ged nach b' urrainn dhaibh aghaidh a chur orra, chùm iad gan ruagadh agus sàrachadh gus am faigh iad gu Dhùn Bharra. An uairsin thill Dùghlas leis na h-eich a dh'fhàg na Sasannaich a-muigh air a' chaisteal; dh'fhàg Eideard II air a' bhàta a gu Bamburgh, agus an uairsin gu Bearaig, gus feitheamh airson càch an airm aige.

Na chaill Sasann[deasaich | edit source]

Thuit mu 4,000 Albannaich agus còrr is 10,000 Sasannaich anns a' bhlàr. Ghlac na h-Albannaich mòran creiche (a-rèir Manach de Mhalmesbury fiach £200,000 de airgid an ama siud) agus mòran phrìosanach, gu seachd àraidh Iarla Hereford, agus chaidh èirig mhòr a phàigheadh air an son. Anns na h-iomlaidean seo, fhuair Raibeart Brus air ais a bhean, a nighean, a phiuthar Cairistìona (bha a phiuthar Màiri saor bho 1312) agus Robert Wishart, Easbaig Ghlaschu na bha nam prìosanaich rè ochd bliadhna.

Faic cuideachd[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  • Ronald McNair Scott: Robert the Bruce, King of Scots, Canongate Books, 1996
  • David Ross: Scotland - History of a Nation, Geddes & Grosset, 2002
  • G. W. S. Barrow: Robert Bruce and the community of the realm of Scotland, Edinburgh University Press, 2005

Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)[deasaich | edit source]

Ceanglaichean a-mach (Beurla)[deasaich | edit source]