Beinn Mac Duibh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Beinn Mac Duibh

'S e Beinn Mac Duibh (Beurla: Ben Macdui no Ben Macdhui) a' bheinn as àirde anns a' Mhonadh Ruadh. 'S e seo na co-chomharran aice: 57° 4′ 14.35″ Tuath agus 3° 40′ 0.66″ Iar.

Tha i 1,309 meatair (4,295 troigh) a dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Mar sin 's i an dàrna bheinn as àirde anns an Rìoghachd Aonaichte an dèidh Beinn Nibheis. 'S e Beinn Mac Duibh aon de na beanntan ris an canar Marilyn is Munro.

Tha an t-slighe as fhasa a' tòiseachadh ann an làrach-pàircidh Choire Cas faisg air an Cairngorm Ski Centre, tha i mu 7 cilemeatair air astar gu mullach Beinn Mac Duibh. Tha slighe eile a' tòiseachadh aig Loch Etchachan.

A rèir beul-aithris, tha bodach neo taibhse eagalach air a' bheinn ris an canar "Am Fear Liath Mòr" (Beurla: Big Grey Man of Ben Macdhui)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]