Beanntan Sierra Nevada

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Suidheachadh Beanntan Sierra Nevada
Mount Whitney

Tha Sierra Nevada a' ciallachadh "Bioran sneachdach" sa Spàinntis agus sin a chanas iad ri sreath de bheanntan àirde ann an California sna Stàitean Aonaichte. 'S iad sin na beanntan as àirde sna Stàitean Aonaichte taobh a-muigh Alasga.

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha beanntan Sierra Nevada a' sìneadh còrr 's 400 mìle bho dheas gu tuath, eadar Bealach Fredonyer sa cheann a tuath 's Bealach Tehachapi sa cheann a deas. Air an taobh siar, tha an Gleann Mòr (Great Valley) ann 's air an taobh sear, an Great Basin 's an gleann Owen.

Bhon iar chun an ear, tha na Sierra Nevada ag èiridh mean air mhean chun an oir an ear 's an uair sin thèid iad sìos gu cas. Agus tha na beanntan nas àirde mar a thèid thu bho thuath gu deas. Sa cheann a tuath, faisge air Loch Tahoe, tha iad a' sreap suas ri 10,000 troigh os cionn na mara. 300 mìle gu deas, tha iad a' dol seachad air 14,000 troigh os cionn na mara.