Bean-nighe

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Gheibheadh a' bhean-nighe na h-aonar agus bhuineadh i de theaghlach nan sìdhichean.

Bhiodh i ri taobh lòn no allt agus smùid aice air nighe lèine mhairbh an aoin a bha gu caochladh. Mar a bhiodh i a' nighe, sheinneadh i marbhrann tùrsach.

Nan tachradh don aon a chitheadh i tighinn air a cùlaibh gun fhios dhith agus breith orra gu teann mu teis-mheadhan, dh'fheumadh i 3 iarrtasan a thoirt dha.

Cho luath 's a chitheadh a' bhean-nighe neach a' tighinn, rachadh i à sealladh a' fàgail a teachdaireachd dhuilich agus a crònan tiamhaidh na dèidh.

Ghearradh a' bhean-nighe leum na b' fhaide na ghearradh duine no beathach sam bith.