Barrathon

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg


'S e rèis leth-mharathon (21km) a bhios a' tachairt ann am Barraigh a tha sa Bharrathon.

Tòisichidh na ruitheadairean ann am Bàgh a' Chaisteil agus thèid iad timcheall an eilein gu deiseil. [1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thòisich e ann an 2000 agus thachair e gach samhradh on uair sin. Cuiridh muinntir Bharraigh air dòigh e gu saor-thoileach gus airgead a thogail do Macmillan Cancer Support agus buidhnean carthannais eile. Gu ruige seo, tha e air còrr is £70,000 a thogail thairis air na bliadhnaichean.[2]


'S e an t-àm as luaithe a rinneadh an rèis 1.13.13. Rinneadh siud ann an 2013 le Neil Renault a bhios a' ruith le Edinburgh Athletic Club.

Buannaiche a' Bharrathon 2013, Neil Renault.

Chan eil e furasta àite fhaighinn anns an rèis leis gu bheil e cho tarraingeach do dhaoine. Ann an 2013, reiceadh a h-uile àite ann an 6 mionaidean. [3]

Tha liosta slàn de buannaichean ri fhaighinn air an làrach-lìon oifigeil.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. http://www.barrathon.org.uk/index.php/faqs/23-route
  2. 'Edinburgh runner sets new course record during 14th "Barrathon"', West Highland Free Press (Friday 5 July 2013, p.30) "Since it started, it has directly raised over £70,000 for Macmillan Cancer support and local charities..."
  3. 'Edinburgh runner sets new course record during 14th "Barrathon"', West Highland Free Press (Friday 5 July 2013, p.30) "When registration opened online back in January, it only took six minutes for all places to be snapped up for the 14th event on Barra."

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Làrach-lìn oifigeil 'Barrathon'