Barbacoas (Nariño)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Barbacoas
Flag of Barbacoas (Nariño).svg [[Image:|60px]]
Bratach a' bhaile gun lùireach
Mapa a' bhaile
Colombia - Nariño - Barbacoas.svg
Sealladh air a' bhaile
[[Image: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Nariño.svg Nariño
Sgìre Oriente
Àirde 36m
Teodhachd 26˚
Co-chomharran 06° 09' 19' Tuath
75° 23' 20' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,324 km²
Àireamh-shluaigh 30,270 (2005)
Dlùths 13.02/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Nariño, Coloimbia,[1] a th’ann Barbacoas. Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara aig astar dhe 236km bho Phasto, prìomh-bhaile na roinne ‘ S e baile le clìomaid teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1600.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às na Barbacoas, tuath Tùsanach a bha nan tàmh anns an sgìre seo o shin,a thàinig ainm a' bhaile.[2]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 30,270 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 18,668 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Ach ‘ s e baile agus sgìre traidiseanta dùthchasail a th’ann Barbacoas fhathast.

Taobh chinnidh, ' s e daoine Afro-Coloimbianach a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Barbacoas: 15.1% dhe Tùsanaich, 6.7% dhe daoine geala/mestizos agus 78.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 61% dhe na daoine ann an Barbacoas leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 10% dhe na dachannan.[5]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Barbacoas. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Fiosrachadh a' Chomhairle
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Barbacoas