Ban-rìgh Bhictoria

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Banrigh Bhictoria sa bhliadhna 1887

Rugadh a' Bhanrigh Bhictoria air 24 an Céitean 1819 agus bhásaich i air 22 am Faoilleach 1901. Bha i 81.

Tháinig i gun righ-chathair air 20 An t-Ogmhios 1837 agus chaidh a crúnadh mar Bhanrigh na Rioghachd Aonaichte air 28 an t-Ogmhios 1838 aig Abaid na h-Iar - Mhainistir ann an Lunnainn, Sasainn.

Air 10 an Gearran 1840 phós a' Bhanrigh Bhictoria Ailbeart Saxe-Coburg-Gotha agus bha naoinear chloinne aca. Bhásaich am Prionnsa Ailbeart air 14 an Dubhlachd 1861. 'S e am fiabhras breac a thug bás dha.

Ré rioghachadh Bhictoria bha Breatainn Mór na buth-obrach dhan t-saoghal agus bha Impireachd Bhreatainn a riaghladh an dá chóigeamh cuid dhen t-saoghal. Chaidh Bhictoria a dhéanamh na Ban-Impire na h-Innseachan air 10 an Céitean 1876 agus bha i na Banrigh airson 63 bliadhna agus 7 miosan.