Balla Antonine

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Tobhtaichean Balla Antoine ann am Barr Hill faisg air Twechar.

'S e Balla Antonine balla àrsaidh Ròmanach ann an Alba. Bithidh e a' ruith eadar an Linne Chluaidh ann an taobh an iar agus an Linne Foirthe ann an taobh an ear ann an Alba, 39 mìle a dh' fhaide. 'S e an rud as motha a thog na Ròmanaich ann an Alba.

Bha am balla dèanta le sgrathan agus clachan, agus le dùin agus dùin bheag air fhad. Tha feadhainn dhiubh fo chùram Alba Eachdraidheil. Mar as àbhaist, tha dìg r' a taobh.

Thòisich an t-Ìompaire Antoninus a thogail ann an 142 AD, agus airson fichead bliadhna riochdaich e crìoch a tuath na h-Ìompaireachd Ròmanaich. Tha e clàraichte air Clàr Dualchas na Cruinne aig UNESCO.

Na dùin

Is iad na dùin agus na dùin bheag, bho taobh an iar gu ruige taobh an ear:

Dùn Chill Phàdraig, Dùn Tòchair, Cleddans Fortlet, Castlehill Fort, Bearsden Fort, Balmuildy Fort, Cadder Fort, Cathair Cheann Tulaich, Auchendavy Fort, Bar Hill Fort, Cruaidh (Croy) Hill Fort, Westerwood Fort, Castlecary Fort, Suidhe Beag (Seabegs), Rough Castle, Dùn na h-Eaglaise Brice, Mumrills Fort, Kinneil Fortlet, Carriden Fort.