Baile an Todhair

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Baile an Todhair
Balintore - geograph.org.uk - 294573.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Ros an Ear
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 45′ 25.24″ Tuath
3° 54′ 43.02″ Iar
Comharradh-clèithe NH863757
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 0.67 km²
Àireamh-shluaigh 1,087 (2001)
Dlùths 1,622.39/km²
Duilleag oifigeil seaboardvillages.com

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Baile an Todhair (Beurla: Balintore). B' e Port an Ab an t-seann ainm aige a bha aig muinntir a' bhaile. [1]

Tha am baile suidhichte faisg air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air costa a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara agus na laighe eadar Baile a' Chnuic agus Seannduaig, an dà bhaile eile.

Ann an 2001 bha 1,087 duine a' fuireach ann am Baile an Todhair agus tha Gàidhlig aig 3.68% dhiubh. [2]

Tha port mara aig Baile an Todhair a chaidh a thogail timcheall air 1890. Bha iasgachd na gnìomhachas làidir an seo, ach an-diugh chan fhaighear mòran chosnaidhean anns an roinn seo. Dh'fhàs am baile na bu motha an dèidh 1978, nuair a thàinig ola a-steach le loidhne-phìoba bho Beatrice Field gu Seannduaig.

Tha bùth, oifis a' phuist agus bùth-chungaidhean ann. Chaidh talla a' bhaile ùr le cafaidh fhosgladh cuid bhliadhnaichean sa chaidh.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. W.J. Watson: Placenames of Ross and Cromarty Inbhir Nis 1904, d.41
  2. Scottish Census Results Online

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: